Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 9:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Tha Ephraim buailte; thiormaicheadh suas am freumh; cha ghiùlain iad a’ bheag de thoradh: seadh, ged bheireadh iad, gidheadh marbhaidh mise toradh gràdhach am bronn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus, feuch, dh’fhàs suas nan dèidh seachd diasan, air an crìonadh, caol, agus seargte leis a’ ghaoith an ear;

Shìos tiormaichear a fhreumhan, agus shuas gearrar air falbh a bhàrr.

Seadh, cha suidhichear iad, cha mhò a chuirear iad, cha mhò a fhreumhaicheas am bun anns an talamh; nuair a shèideas e orra, seargaidh iad; agus bheir a’ chuairt-ghaoth air falbh iad mar asbhuain.

Uime sin mar a dh’imlicheas teanga an teine suas an asbhuain, agus a chnàmhas an lasair am moll, mar sin bidh am freumh-san mar fhiodh grod, agus thèid am blàth suas mar dhuslach; a chionn gun do dhiùlt iad le tàir lagh Tighearna nan sluagh, agus gun do chuir iad cùl ri facal Tì naomh Israeil.

Labhair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, truaillidh mise m’ionad naomh, òirdheirceas ur treise, miann ur sùl, agus an nì as caomh le ur n‑anam: agus ur mic agus ur nigheanan a dh’fhàgadh, tuitidh leis a’ chlaidheamh.

Tha Ephraim sàraichte, briste ann am breitheanas; a chionn gun do ghluais e gu toileach an dèidh na h‑àithne.

Oir chuir iad a’ ghaoth, agus buainidh iad a’ chuairt-ghaoth: chan eil toradh air an dèis; cha toir i uaipe min; no, ma bheir, sluigidh coigrich suas i.

Oir feuch, tha an là a’ teachd, a loisgeas mar àmhainn; agus bidh na h‑uaibhrich uile, seadh, gach neach a tha ri aingidheachd, mar asbhuain: agus loisgidh an là a tha a’ teachd suas iad, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh; oir chan fhàg e bun no bàrr dhiubh.

On leth a‑muigh sgriosaidh an claidheamh, agus on leth a‑staigh uamhann, araon an t‑òigfhear agus an òigh, an cìochran agus fear na gruaige lèithe.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan