Gidheadh ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh, cha do dhealaich Iehu, eadhon ris na laoigh òir a bha ann am Betel, agus a bha ann an Dan.
Tha an ceannardan a’ toirt breith airson duaise, agus an sagartan a’ teagasg airson tuarasdail, agus am fàidhean a’ fàistneachd airson airgid; gidheadh leigidh iad an taice ris an Tighearna, ag ràdh, Nach eil an Tighearna nar meadhon? Cha tig aon olc oirnn.
Chan e gach uile neach a their riumsa, A Thighearna, a Thighearna, a thèid a‑steach do rìoghachd nèimh; ach an tì a nì toil m’Athar-sa a tha air nèamh.
On uair a dh’èireas fear-an‑taighe, agus a dhùineas e an doras, agus a thòiseachas sibhse air seasamh a‑muigh, agus an doras a bhualadh, ag ràdh, A Thighearna, a Thighearna, fosgail dhuinn; agus air dhàsan freagairt, their e ribh, Chan aithne dhomh sibh; cia as a tha sibh?
Tha iad a’ gabhail orra eòlas a bhith aca air Dia; ach ann an obraichean tha iad ga àicheadh, air dhaibh a bhith gràineil, agus eas-umhail, agus a‑thaobh gach deagh obrach as eugmhais tuigse.