Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 8:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An trompaid rid bheul! Mar iolair an aghaidh taigh an Tighearna thig e: a chionn gun do bhris iad mo choicheangal-sa, agus gun do chiontaich iad an aghaidh mo reachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

34 Iomraidhean Croise  

Ach thubhairt Rab-saceh riu, An ann a dh’ionnsaigh do thighearna-sa agus ad ionnsaigh-sa a chuir mo thighearna mise a labhairt nam briathran seo? Nach ann a dh’ionnsaigh nan daoine a tha nan suidhe air a’ bhalla, a‑chum gun ith iad an salchar fhèin, agus gun òl iad an uisge fhèin maille ribhse?

Sibhse uile, a luchd-àiteachaidh an t‑saoghail, agus a tha a’ gabhail còmhnaidh air an talamh, nuair a thogar bratach suas air na slèibhtean, faicibh; agus nuair a shèidear trompaid, èisdibh.

Tha an tìr eadhon air a truailleadh fo a luchd-àiteachaidh; oir bhris iad an reachd, dh’atharraich iad an t‑òrdagh; sgaoil iad an coicheangal sìorraidh.

Glaodh gu h‑àrd, na caomhain; mar ghall-truimp tog suas do ghuth; agus nochd dom shluagh-sa an easaontas, agus do thaigh Iàcoib an lochdan.

Chan ann a rèir a’ choicheangail a rinn mi rin athraichean, anns an là anns an do ghlac mi air làimh iad, a‑chum an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit; eadhon mo choicheangal a bhris iad, ged bha mi am fhear-pòsda dhaibh, deir an Tighearna:

Agus bheir mi a’ mhuinntir a bhris mo choicheangal, nach do choilean briathran a’ choicheangail a rinn iad ann am làthair-sa, nuair a gheàrr iad an laogh na dhà leth, agus a dh’imich iad eadar a bhloighdean;

Feuch, mar neòil thig e a‑nìos; mar chuairt-ghaoith bidh a charbadan; is luaithe na iolairean a chuid each; mo thruaighe sinne, oir tha sinn creachte!

Cuiribh-se an cèill ann an Iùdah, agus ann an Ierusalem dèanaibh follais, agus abraibh, Sèidibh an trompaid anns an tìr; èighibh gu h‑àrd agus abraibh, Cruinnichibh ri chèile, agus rachamaid a‑steach do na cathraichean daingnichte.

Oir mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, itealaichidh aon mar iolair, agus sgaoilidh e a sgiathan mar Mhòab.

Feuch, thig e a‑nìos mar iolair ag itealaich, agus sgaoilidh e a sgiathan thar Bhosrah; agus bidh cridheachan laochraidh Edoim anns an là sin mar chridhe mnà ri saothair.

Cuiribh suas bratach anns an fhearann, sèidibh an trompaid am measg nan cinneach, deasaichibh na h‑aghaidh cinnich, gairmibh an ceann a chèile na h‑aghaidh rìoghachdan, Ararat, Mini, agus Aschenas; sònraichibh ceann-feadhna na h‑aghaidh; thugaibh air na h‑eich teachd a‑nìos mar na lòcaist fhriodhanach.

Teichibh gu h‑iomlan, O mhaca Bheniàmin, a‑mach à meadhon Ierusaleim, agus ann an Tecòa sèidibh an trompaid; air Betacerem fòs cuiribh suas comharradh teine: oir dh’fhoillsicheadh olc on àird a tuath, agus dòrainn mhòr.

Air an adhbhar sin, dèan fàistneachd nan aghaidh, dèan fàistneachd, a mhic an duine.

Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Buinidh mise riutsa amhail mar a rinn thu fhèin, a rinn tàir air na mionnan, ann am briseadh a’ choicheangail.

Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Thàinig fìor-eun mòr le sgiathan mòra, agus le altan làidir, làn de chlùmhach, air an robh dathan eug-samhail, gu Lebanon, agus ghabh e am meangan a b’àirde den t‑seudar.

Shèid iad an trompaid, eadhon a‑chum na h‑uile a dhèanamh deas; ach chan eil neach air bith a’ dol a‑chum a’ chatha: oir tha m’fhearg-sa air a mòr-chuideachd uile.

Tha mo shluagh-sa air an sgrios le dìth eòlais. A chionn gun do chuir thu cùl ri eòlas, cuiridh mise fòs cùl riutsa, air chor is nach bi thu agam ad shagart: a chionn gun do dhearmaid thu lagh do Dhè, dearmadaidh mise fòs do chlann-sa.

Sèidibh-se an trompaid ann an Gibeah, am buabhall ann an Ramah: èighibh caismeachd chatha ann am Bet-abhen: an nàmhaid air do thòir, O Bheniàmin!

Ach bhris iadsan an coicheangal mar Adhamh: an sin bhuin iad gu fealltach am aghaidh-sa.

Tha an cionta gu lèir ann an Gilgal fam chomhair: oir an sin thug mise fuath dhaibh: airson aingidheachd an dèanadais iomainidh mi as mo thaigh iad: cha toir mi nas fhaide gràdh dhaibh; tha am maithean uile cùl-sleamhnach.

Sèidibh-se an trompaid ann an Sion, agus èighibh caismeachd catha ann am shliabh naomh-sa: criothnaicheadh uile luchd-àiteachaidh na tìre; oir tha là an Tighearna a’ teachd, oir tha e am fagas.

Sèidibh an trompaid ann an Sion, naomhaichibh trasg, gairmibh là toirmisg.

An sèidear an trompaid ann am baile, agus gun eagal a bhith air an t‑sluagh? Am bi dòrainn ann am baile, agus nach e an Tighearna a chuir ann e?

Agus bidh òrain an teampaill nan ulartaich anns an là sin, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh: bidh mòran chorp marbha anns gach ionad: tilgidh iad gu tosdach a‑mach iad.

Chunnaic mi an Tighearna na sheasamh air an altair; agus thubhairt e, Buail an t‑àrd-doras, air chor is gun criothnaich na h‑ursannan: oir gearraidh mise anns a’ cheann iad, an t‑iomlan dhiubh; agus an sliochd marbhaidh mi leis a’ chlaidheamh: an tì a theicheas dhiubh cha tèid e as; agus an tì a ghabhas an ruaig dhiubh cha tèarnar e.

Tha an eich fòs nas luaithe na liopaird, agus tha iad nas buirbe na madaidhean-allaidh an anmoich: agus sgaoilidh am marcaichean iad fhèin, agus thig am marc-shluagh o ioma-chèin: itealaichidh iad mar an iolair a dheifricheas gu ithe.

Là trompaid agus iolaich an aghaidh nam bailtean daingnichte, agus an aghaidh nan tùr àrda.

Fosgail do dhorsan, O Lebanoin, a‑chum gun loisg an teine do sheudair.

Agus chìthear an Tighearna os an cionn, agus thèid a shaighead a‑mach mar an dealanach: agus sèididh an Tighearna Iehòbhah an trompaid, agus thèid e a‑mach le iomaghaothan na h‑àird a deas.

Oir ge bè àite anns am bi a’ chairbh, is ann an sin a chruinnichear na h‑iolairean.

Ann an tiota, ann am priobadh na sùla, ri guth na trompaid deireannaich (oir sèididh an trompaid), agus èiridh na mairbh neo-thruaillidh, agus caochlaidhear sinne.

Bheir an Tighearna cinneach ad aghaidh o ionad fada o làimh, o iomall na talmhainn, mar an iolair air iteig: cinneach nach tuig thu an cainnt:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan