Agus thàinig Pul rìgh Asiria an aghaidh na tìre: agus thug Menahem do Phul mìle tàlann airgid, a‑chum is gum biodh a làmh leis, a dhaingneachadh na rìoghachd na làimh.
Tha ur tìr fàs, tha ur bailtean air an losgadh le teine; ur fearann, tha coigrich ga ithe suas nur làthair; agus dh’fhàsaicheadh e, mar gum biodh e air a sgrios le sluagh coimheach.
Seadh, cha chuala tu; seadh, cha b’aithne dhut; seadh, on toiseach cha d’fhosgladh do chluas; oir bha fhios agam gum buineadh tu gu ro‑chealgach, agus gum b’e Fear-easaontais a b’ainm dhut on bhroinn.
Tha an duine ionraic a’ bàsachadh, agus gun aon neach a’ toirt fa‑near; agus na daoine tròcaireach air an toirt air falbh, agus gun aon neach a’ tuigsinn gu bheil an t‑ionracan air a thoirt air falbh on olc a tha ri teachd.
Tha mo shluagh-sa air an sgrios le dìth eòlais. A chionn gun do chuir thu cùl ri eòlas, cuiridh mise fòs cùl riutsa, air chor is nach bi thu agam ad shagart: a chionn gun do dhearmaid thu lagh do Dhè, dearmadaidh mise fòs do chlann-sa.
Oir chuir iad a’ ghaoth, agus buainidh iad a’ chuairt-ghaoth: chan eil toradh air an dèis; cha toir i uaipe min; no, ma bheir, sluigidh coigrich suas i.