Is adhaltranaich iad uile; mar àmhainn air a teasachadh leis an fhuineadair, nuair a sguireas fear-obrachaidh na taoise de a fuineadh gus am bi i air a gortachadh.
Oir tha am fearann làn de luchd-adhaltranais: oir airson mhionnan tha an tìr a’ caoidh: tha ionadan aoibhinn an fhàsaich air tiormachadh suas: tha an siubhal mar an ceudna olc, agus an neart eucorach.
Och, nach b’uisge mo cheann, agus nach bu tobar dheur mo shùilean, a‑chum gun guilinn a là agus a dh’oidhche airson muinntir mharbhte nighean mo shluaigh!
Och, nach robh agam anns an fhàsach pàillean fir-thurais, a‑chum gum fàgainn mo shluagh, agus gun imichinn uapa! Oir is luchd-adhaltranais iad uile, coitheanal de dhaoine cealgach.
Tha mo shluagh-sa ag iarraidh comhairle air an croinn, agus tha an lorg a’ dèanamh foillseachaidh dhaibh: oir thug spiorad an strìopachais orra dol air seachran, agus chaidh iad le strìopachas air falbh on Dia.
Adhaltranaichean, agus a bhan-adhaltranaichean, nach eil fhios agaibh gur naimhdeas an aghaidh Dhè càirdeas an t‑saoghail? Ge bè air bith neach uime sin leis an àill a bhith na charaid don t‑saoghal, tha e na nàmhaid do Dhia.