Agus an teachdaire a chaidh a ghairm Mhicaiah, labhair e ris, ag ràdh, Feuch a‑nis, tha briathran nam fàidh le aon bheul a’ foillseachadh maith don rìgh: biodh d’fhacal-sa, guidheam ort, mar fhacal aoin dhiùbhsan, agus labhair an nì a tha math.
Uime sin chruinnich rìgh Israeil na fàidhean an ceann a chèile, mu thimcheall ceithir cheud fear, agus thubhairt e riu, An tèid mi an aghaidh Ramot-gilead gu cath, no an leig mi leis? Agus thubhairt iadsan, Falbh suas, oir bheir an Tighearna an làimh an rìgh e.
Tha na fàidhean ri fàistneachd bhrèige; agus na sagartan a’ riaghladh air an làimh-san; agus is ait lem shluagh-sa e a bhith mar sin; ach ciod a nì sibh ann an deireadh na cùise?
Och, nach robh agam anns an fhàsach pàillean fir-thurais, a‑chum gum fàgainn mo shluagh, agus gun imichinn uapa! Oir is luchd-adhaltranais iad uile, coitheanal de dhaoine cealgach.
Threabh sibh aingidheachd, bhuain sibh euceart; dh’ith sibh toradh bhreugan: a chionn gun d’earb thu as do shlighe, à mòr-chuideachd do dhaoine treuna;
Tha Ephraim gam chuartachadh le breugan: agus taigh Israeil, le ceilg; ach fhathast tha Iùdah a’ riaghladh maille ri Dia; agus tha e dìleas maille ris na naoimh.
Oir choimhead thu reachdan Omri, agus uile obraichean taigh Ahaib; agus tha sibh ag imeachd nan comhairlean; a‑chum gun dèanainn-sa na h‑ionad fàs i, agus a luchd-àiteachaidh nan sgeig; agus gun giùlain sibhse masladh mo shluaigh-sa.
A‑chum gun dèan iad olc le uile dhìcheall an làmh; tha am prionnsa agus am breitheamh ag iarraidh duaise: agus tha an duine mòr a’ foillseachadh a dhroch thograidh: mar sin tha iad ga phasgadh suas.
Muinntir don aithne ceartas Dhè (gu bheil iadsan a nì an leithidean sin de nithean toilltinneach air bàs), gidheadh chan e a‑mhàin gu bheil iad fhèin gan dèanamh, ach tha mar an ceudna tlachd aca den mhuinntir a nì iad.