Hosèa 7:16Am Bìoball Gàidhlig 1992Tha iad a’ tionndadh an dèidh nì gun bhuannachd: tha iad mar bhogha cealgach: tuitidh an uachdarain leis a’ chlaidheamh, airson nimh an teangaidh: seo cùis am maslaidh ann an tìr na h‑Eiphit. Faic an caibideil |
Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, Mar a bha m’fhearg agus mo chorraich air a dòrtadh a‑mach air luchd-àiteachaidh Ierusaleim, is amhlaidh a bhios mo chorraich air a dòrtadh a‑mach oirbhse an tràth thèid sibh a‑steach don Eiphit: agus bidh sibh nur mallachadh, agus nur n‑uamhas, agus nur mallachd, agus nur masladh; agus chan fhaic sibh an t‑àite seo nas mò.