Mo thruaighe iad, oir theich iad uamsa! Lèirsgrios dhaibh, oir chiontaich iad am aghaidh-sa! Ged shaor mi iad, gidheadh labhair iad breugan am aghaidh.
Is truagh don chloinn cheannaircich, deir an Tighearna, a tha a’ dealbh chomhairlean, ach chan ann uamsa; a tha a’ còmhdach le brat-falaich, ach chan ann lem spiorad-sa; a‑chum gun cuir iad peacadh ri peacadh:
A tha ag imeachd gu dol sìos don Eiphit, ach nach d’fhiosraich dhìomsa; a‑chum iad fhèin a neartachadh le neart Phàraoh, agus a dhèanamh buin à sgàil na h‑Eiphit.
Is truagh dhaibhsan a tha a’ dol sìos don Eiphit airson còmhnaidh; a tha ag earbsa à eich, agus a’ cur an dòchais ann an carbadan, a chionn gu bheil iad lìonmhor; agus ann am marcaichean, a chionn gu bheil iad ro‑làidir; ach cha seall iad air Tì naomh Israel, agus chan iarr iad an Tighearna.
Na biodh eagal ort, a chnuimh, a Iàcoib, a dhaoine bàsmhor Israeil; nì mise cobhair ort, deir an Tighearna, agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil.
Ach a‑nis mar seo deir an Tighearna a chruthaich thu, O Iàcoib, agus a dhealbh thu, O Israeil; Na biodh eagal ort, oir shaor mise thu; ghairm mi thu air d’ainm; is leamsa thu.
Le peacachadh agus le breugan an aghaidh an Tighearna, agus le tilleadh air falbh o ar Dia; le ainneart a labhairt agus le ceannairc a dhealbhadh; agus le briathran breugach aithris on chridhe.
Mar seo deir an Tighearna a‑thaobh an t‑sluaigh seo, Mar seo bu toil leo dol air seachran, cha do chùm iad air an ais an casan; uime sin cha ghabh an Tighearna riu, cuimhnichidh e a‑nis an aingidheachd, agus cronaichidh e an cionta.
Gu deimhinn chuir sibh an gnìomh cealg an aghaidh ur n‑anama fhèin: oir chuir sibh mise a‑chum an Tighearna ur Dia, ag ràdh, Guidh air ar son-ne ris an Tighearna ar Dia, agus a rèir gach nì a their an Tighearna ar Dia, mar sin innis dhuinn, agus nì sinne.
B’àill leinne Bàbilon a leigheas, ach chan eil i air a leigheas; trèigibh i, agus rachamaid gach aon da dhùthaich fhèin: oir ràinig a breitheanas na nèamhan, agus thogadh suas e gus na speuran.
Ciod as ciall dhuibh gu bheil sibh a’ gnàthachadh an t‑sean-fhacail seo a‑thaobh dùthaich Israeil, ag ràdh, Dh’ith na h‑athraichean dearcan searbha, agus tha dèisinn air fiaclan na cloinne?
Gidheadh tha sibhse ag ràdh, Chan eil slighe an Tighearna cothromach. Eisdibh a‑nis, O thaigh Israeil, nach eil mo shlighean-sa cothromach? Nach eil ur slighean-se neo-chothromach?
Chaidh mo chaoraich-sa air seachran air feadh nan uile bheann, agus air gach sliabh àrd: seadh, bha mo threud air a sgapadh air aghaidh na talmhainn uile, agus cha robh aon neach gan sireadh no gan iarraidh.
Tha Ephraim gam chuartachadh le breugan: agus taigh Israeil, le ceilg; ach fhathast tha Iùdah a’ riaghladh maille ri Dia; agus tha e dìleas maille ris na naoimh.
Nuair a b’àill leamsa Israel a leigheas, an sin leigeadh ris aingidheachd Ephraim agus euceart Shamaria: oir tha iad a’ cur an gnìomh ceilge: seadh, tha an gadaiche a’ dol a‑steach; tha a’ cheathairne ri creach a‑muigh.
An sin bha na daoine fo anbharr eagail, agus thubhairt iad ris, Carson a rinn thu seo? (Oir thuig na daoine gun do theich e o làthair an Tighearna; oir dh’innis e dhaibh.)
Ach dh’èirich Ionah suas gu teicheadh do Tharsis o fhianais an Tighearna; agus chaidh e sìos gu Iopa; agus fhuair e long a’ dol gu Tarsis, agus phàigh e an luach-aisig, agus chaidh e sìos innte, gu dol leo gu Tarsis, o làthair an Tighearna.
A Ierusaleim, a Ierusaleim, a mharbhas na fàidhean, agus a chlachas an dream a chuirear ad ionnsaigh, cia minig a b’àill leam do chlann a chruinneachadh ri chèile, mar a chruinnicheas cearc a h‑eòin fo a sgiathan, agus cha b’àill leibhse!
Agus cuimhnichidh tu gu robh thu fhèin ad thràill ann an tìr na h‑Eiphit; agus shaor an Tighearna do Dhia thu: uime sin tha mi ag àithneadh seo dhut an‑diugh.
Agus dh’amhairc mi, agus chuala mi aingeal ag itealaich ann am meadhon nèimh, ag ràdh le guth àrd, Is truagh, truagh, truagh, do luchd-àiteachaidh na talmhainn, airson guthan eile trompaid nan trì aingeal a tha fhathast gu sèideadh!