Nuair a thriallas iad, sgaoilidh mise mo lìon thairis orra; mar eunlaith an adhair bheir mi a‑nuas iad; smachdaichidh mi iad nuair a dh’èisdeas iad rin coitheanal.
Oir gu deimhinn chan eil fhios aig duine air a àm fhèin: mar iasg a ghlacar ann an droch lìon, agus mar eòin a ghlacar ann an ribe, is ann mar sin a ribear clann nan daoine ann an droch àm, nuair a thuiteas e orra gu h‑obann.
Feuch, cuiridh mi fios air mòran iasgairean, deir an Tighearna, agus nì iad an iasgach; agus na dhèidh sin, cuiridh mi fios air mòran shealgairean, agus nì iad an sealg, o gach uile shliabh, agus o gach uile chnoc, agus o sgoltan nan creag.
Chuir mi mar an ceudna dur n‑ionnsaigh m’uile sheirbhisich, na fàidhean, ag èirigh gu moch agus gan cur a‑mach, ag ràdh, Guidheam oirbh, na dèanaibh an nì gràineil seo as fuathach leamsa.
Sgaoilidh mise fòs lìon air, agus glacar ann am rib e; agus bheir mi e gu Bàbilon, gu tìr nan Caldèanach; gidheadh chan fhaic e i, ged gheibh e bàs an sin.
Agus sgaoilidh mi mo lìon air, agus glacar ann am rib e; agus bheir mi e gu Bàbilon, agus tagraidh mi ris an sin airson a chionta, leis an do chiontaich e am aghaidh.
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Sgaoilidh mise uime sin mo lìon os do chionn, le cuideachd mòran chinneach, agus bheir iad a‑nìos thu ann am lìon.