Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 7:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tha uabhar Israeil a’ tabhairt fianais fa chomhair a shùl: gidheadh chan eil iad a’ tilleadh ris an Tighearna an Dia, no ga iarraidh airson seo uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Ann an uabhar a ghnùise chan iarr an t‑aingidh Dia; chan eil Dia na uile smuaintean.

Dh’amhairc an Tighearna a‑nuas o nèamh air cloinn nan daoine, a dh’fheuchainn an robh neach ann a bha glic, a bha ag iarraidh Dhè.

Dh’amhairc Dia a‑nuas o nèamh air cloinn nan daoine, a dh’fheuchainn an robh neach ann a bha glic, a bha ag iarraidh Dhè.

Ged phronn thu amadan ann an soitheach-pronnaidh am measg cruithneachd le bruthadair, cha dealaich a amaideachd ris.

Na Sirianaich on taobh bheòil, agus na Philistich on taobh chùil; agus ithidh iad suas Israel le beul farsaing. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.

Ach chan eil an sluagh seo air tilleadh ris an tì a bhuail iad; cha mhò a dh’iarr iad Tighearna nan sluagh:

Agus chumadh na frasan air an ais, agus an t‑uisge deireannach cha robh ann; gidheadh, agadsa bha aodann strìopaich, chuir thu cùl ri nàire.

Fuasglaidh mise iad o chumhachd na h‑uaighe: saoraidh mi iad on bhàs: O bhàis, bidh mise am phlàigh dhut; O uaigh, bidh mise am sgrios dhut; bidh aithreachas air fhalach om shùilean.

Air an adhbhar sin ìslichear uabhar Israeil fa chomhair a shùl; agus Israel, agus Ephraim tuislichidh nan aingidheachd: tuislichidh fòs Iùdah maille riu.

Thigibh agus tilleamaid ris an Tighearna: oir is esan a reub, agus is e a nì ar leigheas; is e a bhuail, agus ceanglaidh e suas sinn.

Theasaich iad uile iad fhèin mar àmhainn, agus shluig iad am britheamhan; tha an rìghrean uile air tuiteam; chan eil aon nam measg a tha a’ gairm ormsa.

Agus iadsan a thill air an ais on Tighearna; agus iadsan nach d’iarr an Tighearna, agus nach d’fhiosraich dheth.

Na bithibh mar ur n‑athraichean, ris an do ghlaodh na fàidhean a bha ann roimhe seo, ag ràdh, Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Tillibh-se a‑nis o ur droch shlighean, agus o ur droch dhèanadais. Ach cha d’èisd iad, cha mhò a thug iad aire dhòmhsa, deir an Tighearna.

Chan eil neach ann a thuigeas, chan eil neach ann a tha ag iarraidh Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan