Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 6:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Is cathair luchd-dèanamh eucorach Gilead, air a truailleadh le fuil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Nuair a bha iad aig a’ chloich mhòir a tha ann an Gibeon, thàinig Amasa romhpa. Agus bha Ioab crioslaichte le fallaing a chuir e uime, agus oirre sin crios le claidheamh ceangailte air a leis na thruaill; agus nuair a chaidh e air aghaidh, thuit e aisde.

Agus nuair a thill Abner gu Hebron, thug Ioab e a lethtaobh anns a’ gheata a labhairt ris ann an sìth; agus bhuail e an sin e fon chòigeamh aisne, agus fhuair e bàs airson fuil a bhràthar Asahel.

Os bàrr, tha fhios agad ciod a rinn Ioab mac Sheruiah ormsa, agus ciod a rinn e air dà cheannard sluagh Israeil, air Abner mac Neir, agus air Amasa mac Ieteir; oir mharbh e iad, agus dhòirt e fuil a’ chogaidh anns an t‑sìth, agus chuir e fuil a’ chogaidh air a chrios a bha ma leasraidh, agus air a bhrògan a bha air a chasan.

Suidhidh e ann an ionadan-falaich nam bailtean beaga; ann an àitean diamhair mortaidh e an neochiontach; tha a shùilean ann an uaigneas a’ dearcadh air a’ bhochd.

Na aom mo chridhe gu nì olc air bith, gu beartan aingidh a chur an gnìomh le luchd-dèanamh na h‑euceirt; agus na itheam fhèin den nithean milis.

Teasairg mi o luchd-dèanamh na h‑euceirt, agus o dhaoine fuileachdach saor mi;

Den lìontan cha dèanar trusgan; cha mhò a chòmhdaicheas iad iad fhèin len obraichean; an obraichean is obraichean na h‑eucorach iad; agus tha gnìomh an fhòirneirt nan làmhan.

Oir bha mi mar uan, no mar dhamh, air a stiùradh a‑chum a’ chasgraidh; agus cha robh fhios agam gun do dhealbh iad innleachdan ann am aghaidh, ag ràdh, Sgriosamaid an crann maille ra thoradh, agus gearramaid e sìos à fearann nam beò, a‑chum nach bi a ainm nas mò air a chuimhneachadh.

Gu dearbh ann an Gilead tha euceart: gu cinnteach is dìomhanas iad; tha iad ag ìobradh tharbh ann an Gilgal; seadh, tha an altairean mar chùirn ann an claisean na machrach.

Ach theich Iàcob gu dùthaich Shiria; agus rinn Israel seirbhis airson mnà; agus airson mnà ghlèidh e caoraich.

Le mionnan, agus breugan, agus marbhadh, agus goid, agus dèanamh adhaltranais, bhris iad a‑mach; agus tha fuil a’ ruigheachd gu fuil.

Cluinnibh-se seo, a shagartan; agus thugaibh-se aire, O thaigh Israeil; agus thugaibh-se fa‑near, O thaigh an rìgh; oir tha breitheanas dlùth dhuibh; a chionn gu robh sibh mar ribe air Mispah, agus mar lìon sgaoilte air Tabor.

Bhàsaich an t‑ionracan as an fhearann, agus chan eil neach treibhdhireach am measg dhaoine: tha iad uile a’ gabhail fàth airson fala: tha iad, gach aon, a’ sealg a bhràthar le lìon.

Ag iarraidh fàbhair na aghaidh, gun cuireadh e fios air gu Ierusalem, agus iad a dhèanamh feall-fhalaich a‑chum esan a mharbhadh air an t‑slighe.

Agus à treubh Ghad, Ramot ann an Gilead le a fhearann co‑roinn, gu bhith na bhaile dìdein don mharbhaiche; agus Mahanaim le a fhearann co‑roinn,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan