Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 5:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bidh Ephraim na fhàsach ann an là an achmhasain: am measg treubhan Israeil rinn mise aithnichte an nì sin a thig gu crìch gu deimhinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Feuch, brisidh e sìos, agus cha togar suas: druididh e suas duine, agus chan fhosglar.

Agus thubhairt iad ris, Mar seo deir Heseciah, Is là teinn agus achmhasain agus maslaidh an là seo; oir tha clann air teachd gu inbhe breith, agus neart gu breith chan eil ann.

A’ foillseachadh na crìche on tùs, agus on aimsir chèin; nan nithean nach eil fhathast dèante; ag ràdh, Seasaidh mo chomhairle, agus gach nì as àill leam nì mi:

Dh’fhoillsich mi na ciad nithean o thùs; agus om bheul chaidh iad a‑mach, agus chuir mi an cèill iad; gu h‑obann dh’obraich mi, agus thàinig iad gu crìch.

Uime sin dh’fhoillsich mi dhut iad on tùs; mun tàinig iad gu crìch, dh’innis mi dhut iad; a‑chum nach abradh tu, Is e m’iodhal a thug mun cuairt iad; is iad mo dhealbh snaidhte, agus mo dhealbh leaghte, a dh’òrdaich iad.

Oir mun aithne don leanabh an t‑olc a dhiùltadh, agus am math a roghnachadh, fàsaichear fearann an dà rìgh leis a bheil thu air do chlaoidh.

Uime sin bidh mise mar leòmann do Ephraim: agus mar lobhadh do thaigh Iùdah.

Gu deimhinn bidh mise mar leòmhann do Ephraim, agus mar leòmhann òg do thaigh Iùdah: reubaidh mise, eadhon mise fhèin, agus imichidh mi romham; bheir mi leam, agus cha bhi aon neach ann a thèarnas.

Nuair a thriallas iad, sgaoilidh mise mo lìon thairis orra; mar eunlaith an adhair bheir mi a‑nuas iad; smachdaichidh mi iad nuair a dh’èisdeas iad rin coitheanal.

Tha Israel air a shlugadh suas: a‑nis tha iad am measg nan cinneach mar shoitheach anns nach eil tlachd air bith.

Thàinig làithean an smachdachaidh, thàinig làithean na luigheachd: aithnichidh Israel gum b’amadan am fàidh, gu robh fear an spioraid air bhoile; airson ro‑mheud d’aingidheachd, agus airson d’fhuath mhòir.

Gu deimhinn cha dèan an Tighearna Iehòbhah aon nì, gun a rùn-diamhair fhoillseachadh da sheirbhisich na fàidhean.

Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Bidh do bhean na strìopaich anns a’ bhaile, agus tuitidh do mhic agus do nigheanan leis a’ chlaidheamh; agus bidh d’fhearann air a roinn leis an t‑sreing: agus gheibh thu bàs ann am fearann truaillte, agus thèid Israel gu deimhinn air falbh ann am bruid, a‑mach as a dhùthaich fhèin.

Agus cuirear ionadan àrda Isaaic fàs; agus nìthear naomh-ionadan Israeil nan làraich sgaoilte, agus èiridh mise an aghaidh taigh Ierobòaim leis a’ chlaidheamh.

Uime sin tionnsganaidh mise air do bhualadh, air do dhèanamh fàs airson do lochdan.

Ach mo bhriathran-sa, agus mo reachdan, a dh’àithn mi dom òglaich na fàidhean, nach do rinn iad greim air ur n‑athraichean? Agus nach dubhairt iad, Amhail mar a shaoil Tighearna nan sluagh a dhèanamh rinne, a rèir ar slighean, agus a rèir ar dèanadais, mar sin rinn e rinn.

Ach dh’innis mi na nithean seo dhuibh, a‑chum nuair a thig an t‑àm, gun cuimhnich sibh gun d’innis mi dhuibh iad. Ach cha dubhairt mi na nithean seo ribh o thùs, do bhrìgh gu robh mi maille ribh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan