Air an adhbhar sin ìslichear uabhar Israeil fa chomhair a shùl; agus Israel, agus Ephraim tuislichidh nan aingidheachd: tuislichidh fòs Iùdah maille riu.
Oir tha Ierusalem air aomadh sìos, agus Iùdah air tuiteam; a chionn gu bheil an teanga agus an dèanadas an aghaidh an Tighearna, a chur cathachaidh air sùilean a ghlòire.
Tha sealladh an gnùise a’ toirt fianais nan aghaidh; agus tha iad a’ dèanamh am peacaidh follaiseach, mar Shòdom; chan eil iad ga fhalach; is truagh dan anaman, oir thug iad olc orra fhèin.
Iadsan a nì dealbh snaidhte, is dìomhanas iad uile; agus nan nithean taitneach cha bhi tairbhe; agus tha iad nam fianaisean nan aghaidh fhèin, nach faic iad, agus nach tuig iad, a‑chum gum biodh iad air an nàrachadh.
Oir tha ar lochdan air fàs lìonmhor ann ad làthair, agus tha ar ciontan a’ toirt fianais nar n‑aghaidh; oir tha ar lochdan nar cuideachd, agus ar n‑aingidheachd is lèir dhuinn;
Ged tha ar n‑euceartan a’ tabhairt fianais nar n‑aghaidh, O Thighearna, dèan thusa air sgàth d’ainme fhèin: oir tha ar cùl-sleamhnachaidh lìonmhor, pheacaich sinn ad aghaidh.
Smachdaichidh d’aingidheachd fhèin thu, agus nì do chùl-sleamhnachadh fhèin do chronachadh: aithnich uime sin, agus faic gur olc agus searbh an nì gun do thrèig thu an Tighearna do Dhia, agus nach eil m’eagal-sa annad, deir an Tighearna, Dia nan sluagh.
Thugaibh leibh briathran, agus tillibh ris an Tighearna; abraibh ris, Thoir air falbh ar n‑uile chionta, agus gabh rinn gu gràsmhor: mar sin bheir sinn seachad laoigh ar bilean.
Gu deimhinn bidh mise mar leòmhann do Ephraim, agus mar leòmhann òg do thaigh Iùdah: reubaidh mise, eadhon mise fhèin, agus imichidh mi romham; bheir mi leam, agus cha bhi aon neach ann a thèarnas.
Agus tha uabhar Israeil a’ tabhairt fianais fa chomhair a shùl: gidheadh chan eil iad a’ tilleadh ris an Tighearna an Dia, no ga iarraidh airson seo uile.
Oir dhìochuimhnich Israel a Chruithear, agus thog e teampaill: agus chuir Iùdah an lìonmhorachd cathraichean daingeann: ach cuiridh mise teine air a chathraichean, agus loisgidh e a lùchairtean.
Agus thubhairt e ris, As do bheul fhèin bheir mi breith ort, a dhroch sheirbhisich. Bha fhios agad gum bu duine geur-theann mi, a’ togail an nì nach do leag mi, agus a’ buain an nì nach do chuir mi: