Bheir an Tighearna ortsa, agus air do shluagh, agus air taigh d’athar, làithean nach robh an leithidean ann on là anns an do dhealaich Ephraim ri Iùdah; eadhon rìgh Asiria.
Toiseach facal an Tighearna le Hosèa. Agus thubhairt an Tighearna ri Hosèa, Imich gabh ad ionnsaigh bean strìopachais, agus clann strìopachais; oir rinn am fearann strìopachas mòr ann an dealachadh ris an Tighearna.
Tha Ephraim ag ionaltradh air gaoith, agus ag imeachd an dèidh na gaoithe an ear: gach aon là tha e a’ cur bhreug agus reubainn an lìonmhorachd; rinn iad fòs coicheangal ri Asiria, agus tha ola ga giùlan don Eiphit.
Nuair a chunnaic Ephraim a thinneas, agus Iùdah a chreuchd, an sin chaidh Ephraim a‑chum an Asirianaich, agus chuir e fios gu rìgh Iareb: gidheadh cha b’urrainn e ur leigheas, cha mhò a shlànaich e ur creuchd.
Oir is aithne dhòmhsa ur lochdan lìonmhor, agus ur peacaidhean mòra; sibhse a tha a’ claoidh an fhìrein, a tha a’ gabhail duaise, agus a’ cur a’ bhochd a lethtaobh anns a’ gheata.
Mar chiad-ghin a thairbh tha a sgèimh, agus mar adhaircean nan aon-adharcach tha a adhaircean-san: leo seo purraidh e an sluagh le chèile, gu iomallan na talmhainn: agus is iad seo deich mìltean Ephraim, agus is iad seo mìltean Mhanaseh.
Agus chan eil creutair sam bith nach eil follaiseach na làthair-san: ach tha na h‑uile nithean lomnochd, agus fosgailte do shùilean an Tì dom feum sinn cunntas a thabhairt.