Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 5:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin bidh mise mar leòmann do Ephraim: agus mar lobhadh do thaigh Iùdah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus mar nì breun cuirear as dha, mar thrusgan a dh’itheas an leòmann.

Le achmhasain airson euceirt nuair a chronaicheas tu duine, bheir thu air a shnuadh caitheamh mar leòmann; gu deimhinn, is dìomhanas gach duine. Selah.

Tha bean mhath na crùn da fear; ach mar lobhadh na chnàmhan tha ise a nàraicheas e.

Uime sin mar a dh’imlicheas teanga an teine suas an asbhuain, agus a chnàmhas an lasair am moll, mar sin bidh am freumh-san mar fhiodh grod, agus thèid am blàth suas mar dhuslach; a chionn gun do dhiùlt iad le tàir lagh Tighearna nan sluagh, agus gun do chuir iad cùl ri facal Tì naomh Israeil.

Feuch, is e an Tighearna Iehòbhah m’fhear-cuideachaidh; cò a dhìteas mi? Feuch, fàsaidh iad uile sean mar thrusgan; ithidh an leòmann suas iad.

Oir ithidh an leòmann iad mar thrusgan agus ithidh a’ chnuimh iad mar olainn; ach mairidh m’fhìreantachd-sa gu sìorraidh, agus mo shlàinte gu linn nan linntean.

Ach dh’ullaich Dia cnuimh nuair a dh’èirich a’ mhadainn air an ath là, agus bhuail i an luibh-sgàile, agus shearg i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan