Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 4:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Amhlaidh mar chaidh iad ann am meud, mar sin chiontaich iad am aghaidh-sa: caochlaidh mise an glòir gu nàire.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

O làithean ar n‑athraichean bha sinn ann an cionta mòr gu ruig an là‑an‑diugh, agus airson ar n‑euceartan thugadh thairis sinn fhèin, ar rìghrean, ar sagartan, do làimh rìghrean nan tìrean, don chlaidheamh, do dhaorsa, agus do chreachadh, agus do nàire gnùise, mar air an là‑an‑diugh.

B’fhìonain thorrach Israel: thug e a‑mach toradh dha fhèin: a rèir pailteas a thoraidh chuir e altairean an lìonmhorachd; a rèir maitheas a fhearainn rinn e dealbhan àlainn.

Os bàrr bheirear e fhèin gu Asiria, mar thabhartas do rìgh Iareb: nì masladh greim air Ephraim, agus gabhaidh Israel nàire de a chomhairle fhèin.

Fuasglaidh mise iad o chumhachd na h‑uaighe: saoraidh mi iad on bhàs: O bhàis, bidh mise am phlàigh dhut; O uaigh, bidh mise am sgrios dhut; bidh aithreachas air fhalach om shùilean.

Nan ionaltradh bha iad air an lìonadh: bha iad air an lìonadh, agus dh’àrdaicheadh an cridhe: air an adhbhar sin dhìochuimhnich iad mise.

Agus ithidh iad, ach cha bhi iad sàsaichte; nì iad strìopachas, agus chan fhàs iad lìonmhor: oir leig iad dhiubh a bhith a’ toirt aire don Tighearna.

Cluinnibh-se seo, a shagartan; agus thugaibh-se aire, O thaigh Israeil; agus thugaibh-se fa‑near, O thaigh an rìgh; oir tha breitheanas dlùth dhuibh; a chionn gu robh sibh mar ribe air Mispah, agus mar lìon sgaoilte air Tabor.

Agus amhail a dh’fheitheas buidheann airson duine, tha cuideachd nan sagart a’ marbhadh anns an t‑slighe gu Sechem a dh’aon-bheachd; oir rinn iad aingidheachd gu dàna.

Airson Ephraim, itealaichidh an glòir air falbh mar eun; on bhreith, agus on bhroinn, agus on ghineamhainn.

Tha thu air do lìonadh le nàire an àite glòire: òl thusa fòs, agus biodh do ro‑chraiceann air a leigeadh ris: riutsa tillear cupan làmh dheas an Tighearna; agus bidh sgeith nàireach air do ghlòir.

Uime sin rinn mise fòs sibhse suarach agus tàireil ann an sealladh an uile shluaigh, a rèir mar nach do choimhead sibh mo shlighean, ach gu robh sibh leth-bhreitheach anns an lagh.

Ach dh’fhàs Iesurun reamhar, agus bhreab e; tha thu air cinntinn reamhar, tha thu air fàs tiugh, tha thu còmhdaichte le saill: an sin thrèig e an Dia a rinn e, agus rinn e dìmeas air carraig a shlàinte.

Don deireadh a bhith air an sgrios, don dia am brù; agus aig a bheil an glòir nan nàire, aig a bheil an aire air nithean talmhaidh.)

Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan