Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 4:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin tuitidh tu anns an là, agus tuitidh am fàidh fòs leat anns an oidhche; agus sgriosaidh mise do mhàthair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Mar seo deir an Tighearna, Càit a bheil litir-dhealachaidh ur màthar a chuir mise uam? No cò e am measg mo luchd-fiacha ris an do reic mi sibh? Feuch, airson ur dò‑bheairtean tha sibh air ur reic; agus airson ur n‑euceartan chuireadh air falbh ur màthair.

Rinneadh am bantraichean na bu lìonmhoire leamsa na gaineamh na fairge: thug mi an aghaidh na màthar agus nam mac fear-millidh ann am meadhon an là: thug mi air nàmhaid agus air uamhasan bualadh oirre gu h‑obann.

A‑thaobh nam fàidhean. Tha mo chridhe briste an taobh a‑staigh dhìom; tha mo chnàmhan gu lèir air ghluasad; is cosmhail mi ri fear air mhisg; is ionann mi is duine air an d’fhuair fìon làmh-an‑uachdair, airson an Tighearna, agus airson briathran a naomhachd.

Maslaichear ur màthair gu mòr, nàraichear ise a rug sibh; feuch ise, deireadh nan cinneach na fàsach, na fearann tioram agus falamh.

A mhic an duine, chuir na daoine seo suas an iodhalan nan cridhe, agus chuir iad ceap-tuislidh an aingidheachd fan comhair: an leig mise dhaibh air aon chor m’iarraidh?

Tagraibh ri ur màthair, tagraibh: oir chan i mo bhean-sa, cha mhò as mise a fear-se: cuireadh i air falbh uime sin a strìopachais as a sealladh, agus a h‑adhaltranais o a h‑uchd;

Oir rinn am màthair strìopachas: rinn ise a ghabh na broinn iad gu beag-nàireach: oir thubhairt i, Thèid mi an dèidh mo luchd-gaoil, a tha a’ toirt dhomh m’arain agus m’uisge, m’olainn agus mo lìn, m’ola agus mo dhibhe.

Air an adhbhar sin ìslichear uabhar Israeil fa chomhair a shùl; agus Israel, agus Ephraim tuislichidh nan aingidheachd: tuislichidh fòs Iùdah maille riu.

Trì aodhairean fòs gheàrr mi as ann an aon mhìos; agus bha gràin aig m’anam-sa dhiubhsan, agus bha fuath aig an anam-san dhòmhsa.

Agus tàrlaidh air an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gun geàrr mise a‑mach ainmean nan iodhalan as an fhearann, agus cha chuimhnichear iad nas mò; agus fòs bheir mi air na fiosaichean agus na spioradan neòghlan siubhal a‑mach as an fhearann.

Ach tha an Ierusalem a tha shuas saor, agus is màthair dhuinn uile i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan