Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 4:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Gidheadh chan eil duine sam bith a’ tagradh, agus chan eil duine sam bith a’ cronachadh: oir tha mo shluagh mar dhream a nì strì ris an t‑sagart.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt iad, Thigibh, agus dealbhamaid innleachdan an aghaidh Ieremiah: oir cha bhàsaich an reachd on t‑sagart, no comhairle on eagnaidh, no am facal on fhàidh. Thigibh, agus buaileamaid e leis an teangaidh, agus na tugamaid aire do aon de a bhriathran.

Agus bheir mise air do theangaidh leantainn rid ghiall, air chor is gum bi thu balbh, agus nach bi thu dhaibh ad fhear-cronachaidh; oir tha iad nan taigh ceannairceach.

Tha Ephraim air a dhlùth-cheangal ri iodhalan, leig leis:

Is fuath leo esan a bheir achmhasan anns a’ gheata: agus is gràin leo esan a labhras gu h‑ionraic.

Air an adhbhar sin fanaidh an duine glic na thosd anns an àm sin; oir is aimsir olc i.

Agus togaidh caraid duine suas e, agus esan a loisgeas e, a‑chum na cnàmhan a thoirt a‑mach as an taigh; agus their e ris-san a tha a‑staigh anns an taigh, A bheil aon neach fhathast leat? Agus their esan, Chan eil. An sin their e, Bi ad thosd. A chionn nach eil iad a’ toirt luaidh air ainm Iehòbhah.

Agus an duine a nì gu h‑an‑dàna, agus nach èisd ris an t‑sagart, a sheasas gu frithealadh an sin an làthair an Tighearna do Dhia, no ris a’ bhritheamh, bàsaichidh eadhon an duine sin, agus cuiridh tu an t‑olc air falbh o Israel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan