Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 4:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin nì am fearann caoidh, agus seargaidh gach aon a tha a chòmhnaidh ann, maille ri beathaichean na machrach, agus ri eunlaith an adhair; seadh, bheirear èisg na fairge fòs air falbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Tha an talamh ri bròn, agus a’ fannachadh; tha Lebanon fo nàire, agus air a ghearradh sìos; tha Sàron air fàs mar fhàsach; agus Basan agus Carmel air crathadh dhiubh an toraidh.

Cia fhad a nì am fearann bròn, agus a bhios luibhean gach machrach a’ seargadh, airson aingidheachd a luchd-àiteachaidh? Bhàsaich gach ainmhidh agus eun, a chionn gun dubhairt iad, Chan fhaic esan ar crìoch dheireannach.

Oir tha am fearann làn de luchd-adhaltranais: oir airson mhionnan tha an tìr a’ caoidh: tha ionadan aoibhinn an fhàsaich air tiormachadh suas: tha an siubhal mar an ceudna olc, agus an neart eucorach.

Dh’amhairc mi, agus, feuch, cha robh aon duine ann; agus uile eòin na h‑ealtainn, theich iad.

Airson nan slèibhtean togaidh mi gul agus caoidh, agus airson ionadan còmhnaidh an fhàsaich, tuireadh, a chionn gu bheil iad air an losgadh suas, air chor is nach tèid aon neach tromhpa; agus cha chluinnear annta guth na sprèidhe: eunlaith an adhair agus an t‑ainmhidh maraon theich, shiubhail air falbh.

Airson nan nithean seo nach tig mise gan amharc? deir an Tighearna: air a leithid seo de chinneach nach dèan m’anam dìoghaltas?

Air chor is gun criothnaich ann am làthair-sa èisg na fairge, agus eunlaith an adhair, agus beathaichean na machrach, agus na h‑uile nithean snàigeach a shnàigeas air uachdar na talmhainn, agus na h‑uile dhaoine a tha air aghaidh na talmhainn; agus tilgear na slèibhtean sìos, agus tuitidh na h‑ionadan àrda, agus tuitidh a h‑uile balla gu talamh.

Cionnas a tha na beathaichean ag osnaich? Tha na buailtean sprèidhe ann an airc, a chionn nach eil ionaltradh aca: tha na treudan chaorach fòs air am milleadh.

Agus thubhairt e, Beucaidh Iehòbhah o Shion, agus o Ierusalem cuiridh e a‑mach a ghuth; agus nì ionadan-còmhnaidh nam buachaillean bròn, agus seargaidh mullach Charmeil.

Oir mar seo tha Iehòbhah, Dia nan sluagh, an Tighearna, ag ràdh, Bidh caoidh anns na h‑uile shràidean; agus their iad anns na h‑uile rathaidean mòra, Mo thruaighe, mo thruaighe! Agus gairmidh iad an treabhaichean gu bròn, agus iadsan a tha eòlach air caoidh gu tuireadh.

Nach criothnaich am fearann airson seo? Agus nach dèan gach duine a tha a chòmhnaidh ann caoidh? Agus nach èirich amhail tuil thar an iomlan dheth? Nach tilgear a‑mach, agus nach bàthar e, mar gum b’ann le abhainn na h‑Eiphit?

Bheir e achmhasan don fhairge, agus nì e tioram i; agus tiormaichidh e suas na h‑aibhnichean uile: shearg Basan agus Carmel; agus tha blàth Lebanoin air crìonadh.

Sgriosaidh mi duine agus ainmhidh, sgriosaidh mi eunlaith an adhair, agus èisg na fairge, agus na ceapan-tuislidh maille ris an h‑aingidh: agus gearraidh mi as an duine bhàrr aghaidh an fhearainn, deir an Tighearna.

Thug mise a‑mach e, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus thèid e a‑steach do thaigh a’ mhèirlich, agus do thaigh an tì a tha a’ mionnachadh gu breugach air m’ainm-sa; agus fanaidh e ann am meadhon a thaighe, agus sgriosaidh e eadar fhiodh agus chlach e.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan