Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 4:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Le mionnan, agus breugan, agus marbhadh, agus goid, agus dèanamh adhaltranais, bhris iad a‑mach; agus tha fuil a’ ruigheachd gu fuil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

42 Iomraidhean Croise  

Agus labhair Càin ri Abel a bhràthair: agus nuair a bha iad anns a’ mhachair, dh’èirich Càin suas an aghaidh Abeil a bhràthair, agus mharbh e e.

Tha an tìr eadhon air a truailleadh fo a luchd-àiteachaidh; oir bhris iad an reachd, dh’atharraich iad an t‑òrdagh; sgaoil iad an coicheangal sìorraidh.

Cluinnibh seo, o thaigh Iàcoib, sibhse tha air ur n‑ainmeachadh air Israel; agus a thàinig a‑mach o uisgeachan Iùdah; a tha a’ mionnachadh air ainm an Tighearna, agus a’ dèanamh luaidh air Dia Israeil; ach chan ann am fìrinn no ann an ionracas.

Oir cha do dhìobradh Israel no Iùdah le a Dhia, le Tighearna nan sluagh, ged bha am fearann air a lìonadh le peacadh an aghaidh Tì naomh Israeil.

Amhail a chuireas tobar a‑mach uisgeachan, mar sin tha ise a’ cur a‑mach a droch-bheairt: tha ainneart agus creach ri chluinntinn innte: am làthair-sa a‑ghnàth tha bròn agus lotadh.

Airson peacaidhean a fàidhean, agus aingidheachdan a sagart, a dhòirt fuil nam fìrean na meadhon;

Dèan slabhraidh; oir tha am fearann làn euceartan fuilteach, agus tha a’ chathair làn ainneirt.

Threabh sibh aingidheachd, bhuain sibh euceart; dh’ith sibh toradh bhreugan: a chionn gun d’earb thu as do shlighe, à mòr-chuideachd do dhaoine treuna;

Labhair iad briathran faoine, nuair a mhionnaich iad; breugan nuair a rinn iad coicheangal: mar seo tha breitheanas a’ fàs a‑nìos, mar an iteodha ann an claisean na machrach.

Tha Ephraim gam chuartachadh le breugan: agus taigh Israeil, le ceilg; ach fhathast tha Iùdah a’ riaghladh maille ri Dia; agus tha e dìleas maille ris na naoimh.

Bhrosnaich Ephraim e a‑chum feirge gu ro‑shearbh: uime sin fàgaidh a Thighearna a fhuil air fhèin; agus tillidh e thuige fhèin a mhasladh.

Agus rinn na ceannaircich àr domhain: uime sin bheir mise smachdachadh air an iomlan dhiubh.

Is cathair luchd-dèanamh eucorach Gilead, air a truailleadh le fuil.

Agus amhail a dh’fheitheas buidheann airson duine, tha cuideachd nan sagart a’ marbhadh anns an t‑slighe gu Sechem a dh’aon-bheachd; oir rinn iad aingidheachd gu dàna.

Nuair a b’àill leamsa Israel a leigheas, an sin leigeadh ris aingidheachd Ephraim agus euceart Shamaria: oir tha iad a’ cur an gnìomh ceilge: seadh, tha an gadaiche a’ dol a‑steach; tha a’ cheathairne ri creach a‑muigh.

Len aingidheachd tha iad a’ dèanamh an rìgh ait, agus nan uachdaran lem breugan.

Is adhaltranaich iad uile; mar àmhainn air a teasachadh leis an fhuineadair, nuair a sguireas fear-obrachaidh na taoise de a fuineadh gus am bi i air a gortachadh.

Sibhse a tha a’ fuathachadh a’ mhaith, agus a’ gràdhachadh an uilc; a tha a’ spìonadh dhiubh an craicinn, agus am feòla bhàrr an cnàmh:

Cluinnibh seo, guidheam oirbh, a cheannardan taigh Iàcoib, agus a luchd-stiùraidh taigh Israeil; sibhse aig a bheil fuath do bhreitheanas, agus a tha a’ fiaradh gach uile cheartais:

A bheil fhathast ionmhasan na h‑aingidheachd ann an taigh an droch dhuine; agus an tomhas gann a tha gràineil?

Bhàsaich an t‑ionracan as an fhearann, agus chan eil neach treibhdhireach am measg dhaoine: tha iad uile a’ gabhail fàth airson fala: tha iad, gach aon, a’ sealg a bhràthar le lìon.

Is an‑aoibhinn dhise a tha ceannairceach agus truaillte, don chathair a tha ri sàrachadh.

An sin thubhairt e rium, Is e seo am mallachd a tha a’ dol a‑mach air aghaidh an fhearainn uile: agus gearrar as gach aon a ghoideas, mar air an taobh seo dheth: agus gearrar as gach aon a mhionnaicheas, mar air an taobh sin dheth.

Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Cuiribh an gnìomh ceart-bhreitheanas, agus nochdaibh tròcair agus iochd, gach duine da bhràthair:

A‑chum gun tig oirbh gach uile fhuil fhìreanta a dhòrtadh air an talamh, o fhuil Abeil fhìreanta gu fuil Shachariais mhic Bharachiais, a mharbh sibh eadar an teampall agus an altair.

Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur-leanmhainn? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud; air an robh sibhse a‑nis nur luchd-brathaidh, agus nur mortairean:

Na tabhair ainm an Tighearna do Dhia ann an dìomhanas: oir cha mheas an Tighearna neochiontach esan a bheir a ainm ann an dìomhanas.

Cha mhò a nì thu adhaltranas.

A chuir araon an Tighearna Iosa agus am fàidhean fhèin gu bàs, agus a rinn geur-leanmhainn oirnne; agus nach eil a’ toileachadh Dhè, agus a tha an aghaidh nan uile dhaoine:

Agus chunnaic mi a’ bhean air mhisg le fuil nan naomh, agus le fuil fianaisean Iosa: agus nuair a chunnaic mi i, ghabh mi iongantas le iongantas mòr.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan