Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 4:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bheir strìopachas, agus fìon, agus fìon nuadh, air falbh an cridhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Is cealgach an nì fìon, is buaireasach an nì deoch làidir; agus ge bè neach a mheallar leo, chan eil e glic.

Chan eil e airson rìghrean, a Lemueil, chan eil e airson rìghrean fìon òl, no airson uachdarain dèidh a bhith aca air dibh làidir:

Ach ge bè nì adhaltranas ri mnaoi, tha e gun tuigse: sgriosaidh esan a nì e a anam fhèin.

Gu cinnteach cuiridh fòirneart duine glic air bhoile, agus millidh tìodhlac an cridhe.

Ach chaidh iadsan fòs a thaobh le fìon, agus le dibh làidir chaidh iad air seachran; chaidh an sagart agus am fàidh a thaobh le dibh làidir, shluigeadh suas iad le fìon, chaidh iad air seachran le dibh làidir; chaidh iad am mearachd ann an sealladh, thuislich iad ann am breitheanas.

Agus tha a’ chlàrsach, agus a’ chruit-chiùil, agus an tabor, agus a’ phìob, agus fìon nan cuirmean: ach obair an Tighearna chan eil iad a’ cur an suim, agus gnìomh a làmh chan eil iad a’ toirt fa‑near.

Amhail a chunnaic mi ann am fàidhean Shamaria amaideachd; rinn iad fàistneachd ann an ainm Bhàail, agus thug iad air mo shluagh Israel dol air seachran:

Tha mo shluagh-sa ag iarraidh comhairle air an croinn, agus tha an lorg a’ dèanamh foillseachaidh dhaibh: oir thug spiorad an strìopachais orra dol air seachran, agus chaidh iad le strìopachas air falbh on Dia.

Cha dealbh iad an dèanadas gu tilleadh a‑chum an Dè: oir tha spiorad strìopachais nam meadhon, agus air an Tighearna cha do ghabh iad eòlas.

Tha Ephraim fòs mar chalaman amaideach, gun eòlas: tha iad a’ glaodhaich ris an Eiphit, tha iad a’ triall gu Asiria.

Na òl fìon no deoch làidir, thu fhèin, no do mhic maille riut, nuair a thèid sibh a‑steach do phàillean a’ choitheanail, air eagal gum faigh sibh bàs: bidh e na reachd bithbhuan air feadh ur ginealaichean;

Agus thugaibh an aire dhuibh fhèin, air eagal uair air bith gum bi ur cridhe fo uallach le geòcaireachd, agus le misg, agus le ro‑chùram mu nithean na beatha seo, agus gun tig an là sin oirbh gu h‑obann.

Agus thàinig Abigail a dh’ionnsaigh Nàbeil; agus, feuch, bha cuirm aige na thaigh mar chuirm rìgh; agus bha cridhe Nàbeil subhach an taobh a‑staigh dheth, oir bha e gu mòr air mhisg: uime sin cha d’innis i dha a’ bheag no a’ mhòr gu solas na maidne.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan