Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 4:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ithidh iad, ach cha bhi iad sàsaichte; nì iad strìopachas, agus chan fhàs iad lìonmhor: oir leig iad dhiubh a bhith a’ toirt aire don Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus an dèidh bàs Iehoiada, thàinig uachdarain Iùdah, agus rinn iad ùmhlachd don rìgh. An sin dh’èisd an rìgh riu.

Ach iadsan a thèid a thaobh dan slighean claona, iomainidh an Tighearna a‑mach le luchd-dèanamh an uilc. Sìth gu robh air Israel!

Is euceart agus cealg briathran a bheòil; leig e dheth a bhith glic, math a dhèanamh.

Ithidh am fìrean gu sàsachadh a anama; ach bidh dìth air broinn nan aingidh.

Agus bha sibh a‑nis air tilleadh, agus air dèanamh gu ceart ann am shealladh-sa, le saorsa a ghlaodhach, gach neach da choimhearsnach; agus rinn sibh coicheangal ann am fhianais, anns an taigh a tha air a ghairm air m’ainm.

Cò e an duine glic, a thuigeas seo, agus ris an do labhair beul an Tighearna, a‑chum gun cuireadh e an cèill e? Carson a tha an tìr air a milleadh, air a losgadh suas mar fhàsach, nach eil aon neach ag imeachd troimhpe?

Ach nuair a thilleas am fìrean air falbh o a fhìreantachd, agus a chuireas e an gnìomh aingidheachd, a’ dèanamh a rèir nan uile ghràinealachdan a nì an t‑aingidh, am mair e beò? Air uile fhìreantachd a rinn e cha bhi iomradh: na chionta a chiontaich e, agus na pheacadh a pheacaich e, anntasan gheibh e bàs.

Annadsa tha luchd-aithris sgeòil a dhòrtadh fala: agus annadsa tha iad ag ithe air na slèibhtean: ann ad mheadhon tha iad a’ cur an gnìomh neòghlaine.

Nach smachdaich mise ur nigheanan, a chionn gu bheil iad ri strìopachas? Agus ur mnathan a chionn gu bheil iad ri adhaltranas? A chionn gu bheil iad gan cur fhèin air leth le strìopaichean, agus ag ìobradh le luchd neòghlaine: uime sin, an sluagh aig nach eil tuigse, tuitidh iad.

Is adhaltranaich iad uile; mar àmhainn air a teasachadh leis an fhuineadair, nuair a sguireas fear-obrachaidh na taoise de a fuineadh gus am bi i air a gortachadh.

Nuair a bhriseas mise lorg ur n‑arain, fuinidh deich mnathan ur n‑aran ann an aon àmhainn, agus bheir iad air ais dhuibh ur n‑aran air a thomhas, agus ithidh sibh agus cha bhi sibh sàthach.

Ithidh tu, ach cha sàsaichear thu; agus bidh do leagadh ann ad mheadhon; agus gabhaidh tu greim, ach cha ghlèidh thu: agus an nì sin a ghlèidheas tu, bheir mise don chlaidheamh.

Agus iadsan a thill air an ais on Tighearna; agus iadsan nach d’iarr an Tighearna, agus nach d’fhiosraich dheth.

Chuir sibh mòran, agus is beag a thug sibh a‑steach; tha sibh ag ithe, ach chan eil gu leòr agaibh: tha sibh ag òl, ach chan eil sibh sàthach: tha sibh gur n‑èideadh, ach chan eil aon neach blàth: agus esan a tha a’ cosnadh tuarasdail, tha e ga chosnadh gu a chur ann an sporan tolltach.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan