Mar seo bha mi fichead bliadhna ad thaigh: ceithir-bliadhna-deug rinn mi seirbhis dhut airson do dhithis nighean, agus sia bliadhna airson do sprèidhe; agus mhùth thu mo thuarasdal deich uairean.
Air a mheud is gun dèan sibh an dubhairidh orm, agus an tìodhlac, bheir mi dhuibh eadhon mar a their sibh rium: a‑mhàin thugaibh dhomh a’ ghruagach mar mhnaoi.
Bidh an ephah agus am bat de aon tomhas, air chor is gun cùm am bat an deicheamh cuid de homer, agus an ephah an deicheamh cuid de homer: bidh a thomhas a rèir an homeir:
Agus thubhairt mi rithe, Fanaidh tu leamsa mòran làithean; cha dèan thu strìopachas, cha mhò a bhios tu aig fear eile; mar sin bidh mise mar an ceudna agadsa.
Agus ma choisrigeas duine don Tighearna cuid de fhearann a sheilbhe, an sin bidh do mheas a rèir a shìl: measar homer de shìol eòrna aig lethcheud secel airgid.
Agus mar an ceudna Rut, a’ bhan-Mhòabach, bean Mhahloin, cheannaich mi dhomh fhèin gu bhith na mnaoi agam, a thogail suas ainm a’ mhairbh air a oighreachd, a‑chum nach gearrar as ainm a’ mhairbh à meadhon a bhràithrean, agus o gheata a àite fhèin: is fianaisean sibhse an‑diugh.
Agus thubhairt Saul, Mar seo their sibh ri Daibhidh, Chan eil an rìgh ag iarraidh dubhairidh sam bith, ach ceud ro‑chraiceann de na Philistich, gu bhith dìolta air naimhdean an rìgh. Ach shaoil Saul gun tugadh e air Daibhidh tuiteam le làimh nam Philisteach.