Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 2:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin tillidh mise, agus bheir mi m’arbhar leam na àm, agus m’fhìon na àm, agus bheir mi leam m’olann agus mo lìon, a thugadh a chòmhdachadh a lomnochdaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Feuch uime sin, shìn mise mo làmh a‑mach os do chionn, agus lùghdaich mi do lòn, agus thug mi thairis thu do thoil na muinntir leis am fuathach thu, nigheanan nam Philisteach, air a bheil nàire ded shlighe mhì-chiataich.

Agus bheir mi thu fòs dan làimh, agus tilgidh iad sìos d’àite cnocach, agus brisidh iad sìos d’ionadan àrda; buinidh iad dhìot mar an ceudna d’aodach, agus glacaidh iad do sheudan rìomhach, agus fàgaidh iad thu lomnochd agus rùisgte.

Bheir iad dhìot mar an ceudna d’aodach, agus bheir iad air falbh do sheudan maiseach.

Oir tillidh rìgh na h‑àird a tuath, agus cuiridh e sluagh mòr a‑mach, as mò na a’ chiad sluagh, agus thig e gu cinnteach (an dèidh bhliadhnachan àraidh) le feachd mòr, agus le pailteas saoibhreis.

Air eagal gun rùisg mise i lomnochd, agus gun cuir mi i mar anns an là anns an do rugadh i, agus gun dèan mi i mar fhàsach, agus gum fàg mi i mar fhearann tioram, agus gum marbh mi i le tart:

Oir chuir iad a’ ghaoth, agus buainidh iad a’ chuairt-ghaoth: chan eil toradh air an dèis; cha toir i uaipe min; no, ma bheir, sluigidh coigrich suas i.

An t‑ùrlar-arbhair agus an dabhach-fhìona cha dèan am beathachadh, agus meallaidh am fìon nuadh an dòchas.

Cò aig a bheil fios nach till, agus nach gabh e aithreachas, agus nach fàg e beannachd na dhèidh, tabhartas-bìdh, agus tabhartas-dibhe, don Tighearna ur Dia?

Air an adhbhar sin bidh am maoin na chobhartach, agus an taighean nam fàsach: agus togaidh iad taighean, ach chan àitich iad iad; agus suidhichidh iad fìonliosan, ach chan òl iad am fìon.

Mar tha Edom ag ràdh, Rinneadh bochd sinn, ach tillidh sinn agus togaidh sinn na h‑ionadan sgaoilte; mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Togaidh iadsan, ach tilgidh mise sìos; agus goirear riu, Crìoch na h‑aingidheachd, agus an sluagh ris a bheil corraich aig an Tighearna gu sìorraidh.

An sin tillidh sibhse, agus chì sibh an dealachadh eadar am fìrean agus an t‑aingidh; eadar an tì a tha a’ dèanamh seirbhis do Dhia, agus an tì nach eil ri seirbhis dha idir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan