Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 2:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin, feuch, druididh mise suas a slighe le droigheann, agus dùinidh mi a callaid, air chor is nach amais i air a ceuman.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Dhùin e suas mo shlighe air chor is nach urrainn mi dol seachad, agus chuir e dorchadas air mo cheuman.

Don duine aig a bheil a shlighe falaichte, agus a dhruid Dia suas air gach taobh?

Ach thigibh-se am fagas an seo, a mhaca na ban-fhiosaiche, a shliochd an adhaltrannaich agus na strìopaich.

Ach dhìochuimhnich mo shluagh mise, loisg iad tùis do dhìomhanas, agus thug iad orra tuisleachadh nan slighean a bha nan seann ròidean, gu gluasad air ceuman eile, air slighe nach eil dèante;

Sgriosar fòs ionadan àrda Abhein, cionta Israeil: thig an droigheann agus am fòghnan a‑nìos air an altairean; agus their iad ris an slèibhtean, Falaichibh sinn, agus ris na beanntan, Tuitibh oirnn.

Oir feuch, dh’imich iad air falbh o làthair an fhir-mhillidh: tionailidh an Eiphit iad, adhlaicidh Memphis iad: na h‑ionadan taitneach a cheannaich iad len airgead, sealbhaichidh an fheanntag iad: nam pàilleanan fàsaidh an droigheann.

Oir thig na làithean ort, anns an tilg do naimhdean dìg mud thimcheall, agus an iadh iad umad mun cuairt, agus an druid iad a‑steach air gach taobh thu;

Agus air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas, tre ro‑mheud nan taisbeanaidhean, thugadh dhomh sgolb anns an fheòil, teachdaire Shàtain a‑chum gum buaileadh e mi, air eagal gum bithinn air m’àrdachadh thar tomhas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan