Agus nuair a chunnaic Ioram Iehu, thubhairt e, An e sìth a tha ann, a Iehu? Agus thubhairt esan, Ciod an t‑sìth, fhad is a bhios strìopachas Iesebeil, do mhàthair, agus a draoidheachdan cho lìonmhor?
Nuair a sheargas a meangain, brisear iad; thig mnathan agus cuiridh iad ri theine iad; oir is sluagh gun tuigse iad; uime sin cha ghabh an tì a rinn iad truas dhiubh; agus cha nochd esan a dhealbh iad coibhneas dhaibh.
Mar seo deir an Tighearna, Càit a bheil litir-dhealachaidh ur màthar a chuir mise uam? No cò e am measg mo luchd-fiacha ris an do reic mi sibh? Feuch, airson ur dò‑bheairtean tha sibh air ur reic; agus airson ur n‑euceartan chuireadh air falbh ur màthair.
Agus pronnaidh mi iad an aghaidh a chèile, eadhon na h‑athraichean agus na mic le chèile, deir an Tighearna; cha ghabh mi truas, cha mhò a choigleas mi, cha mhò a nì mi iochd, air chor is nach sgriosainn iad.
Oir mar seo deir an Tighearna, Cha tèid thu a‑steach do thaigh a’ bhròin, cha mhò a thèid thu a dhèanamh caoidh, no a thoirt dhaibh comhfhurtachd; oir thug mise air falbh mo shìth on t‑sluagh seo, deir an Tighearna, eadhon coibhneas gràdhach, agus caomh-thròcairean.
Agus cuiridh mise m’eud ad aghaidh, agus buinidh iad gu ro‑gharg riut: bheir iad air falbh do shròn, agus do chluasan, agus tuitidh d’fhuidheall leis a’ chlaidheamh: bheir iad leo do mhic, agus do nigheanan, agus loisgear na dh’fhàgar dhìot anns an teine.
Uime sin buinidh mise riùsan fòs ann am feirg: cha chaomhain mo shùil, cha mhò a bhios truas agam: agus ged èigh iad ann am chluasan le guth àrd, gidheadh chan èisd mi riu.
Toiseach facal an Tighearna le Hosèa. Agus thubhairt an Tighearna ri Hosèa, Imich gabh ad ionnsaigh bean strìopachais, agus clann strìopachais; oir rinn am fearann strìopachas mòr ann an dealachadh ris an Tighearna.
Agus dh’fhàs i torrach a‑rìs, agus rug i nighean; agus thubhairt Dia ris, Goir Lo‑ruhamah mar ainm oirre; oir cha dèan mise tròcair nas mò air taigh Israeil, ach bheir mi gu tur air falbh iad.
An sin fhreagair aingeal an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna nan sluagh, cia fhad a bhios tu gun tròcair a dhèanamh air Ierusalem, agus air bailtean Iùdah, ris a bheil thu ann an corraich a‑nis deich agus trì-fichead bliadhna?
Tha sibhse a’ dèanamh obraichean ur n‑athar fhèin. An sin thubhairt iad ris, Cha do rugadh ann an strìopachas sinne; tha aon Athair againn, eadhon Dia.
Feuch uime sin maitheas agus geur-cheartas Dhè: geur-cheartas dan taobh-san a thuit; ach dod thaobh-sa, maitheas, ma bhuanaicheas tu na mhaitheas; agus mura buanaich, gearrar dheth thusa mar an ceudna.