Air eagal gun rùisg mise i lomnochd, agus gun cuir mi i mar anns an là anns an do rugadh i, agus gun dèan mi i mar fhàsach, agus gum fàg mi i mar fhearann tioram, agus gum marbh mi i le tart:
Agus mhiannaich an sluagh uisge ann an sin; agus rinn an sluagh gearan an aghaidh Mhaois, agus thubhairt iad, Carson seo a thug thu a‑nìos sinn as an Eiphit, a‑chum sinn fhèin a mharbhadh, agus ar clann, agus ar sprèidh le tart?
Tha an talamh ri bròn, agus a’ fannachadh; tha Lebanon fo nàire, agus air a ghearradh sìos; tha Sàron air fàs mar fhàsach; agus Basan agus Carmel air crathadh dhiubh an toraidh.
Agus nuair a their thu ann ad chridhe, Carson a thàinig na nithean seo orm? Airson meud do chionta tha do sgiobaill air an leigeadh ris, tha do shàiltean air an rùsgadh.
Chuir na h‑uaislean fòs an clann bheag a dh’iarraidh uisge: thàinig iad gus na sluic, agus cha d’fhuair iad uisge sam bith; thill iad len soithichean falamh; bha nàire agus masladh orra, chòmhdaich iad an cinn.
Oir bidh e mar phreas seargte anns an ionad sgaoilte, nach mothaich am math nuair a thig e; ach a tha ag àiteachadh ionadan loisgte an fhàsaich, fearainn gun toradh agus gun chòmhnaidh.
O sibhse den ghinealach seo, feuchaibh facal an Tighearna: an robh mise am fhàsach do Israel, am fhearann dorchadais? Cuime an dubhairt mo shluagh, Is tighearnan sinn oirnn fhèin; cha tig sinn nas mò thugadsa?
Agus cha dubhairt iad, Càit a bheil an Tighearna, esan a thug a‑nìos sinn o thìr na h‑Eiphit, a stiùir sinn tron fhàsach, tro fhearann fàsail agus làn shloc, tro fhearann tairt agus sgàil bàis, trìd fearainn nach do shiubhail aon duine troimhe, agus far nach do ghabh duine riamh còmhnaidh?
Oir mar seo thubhairt an Tighearna a‑thaobh taigh rìgh Iùdah, Tha thu mar Ghilead dhòmhsa, O mhullaich Lebanoin; ach nì mi gu cinnteach fàsach dhìot, bailtean nach bi àitichte.
Dh’amhairc mi, agus, feuch, bha a’ mhachair thorrach na fàsach, agus a h‑uile bhailtean air an tilgeadh sìos, ro làthair an Tighearna, ro dhian-theas a fheirge.
Agus ann ad uile ghràinealachdan agus strìopachais, cha do chuimhnich thu làithean d’òige, tràth bha thu lomnochd agus rùisgte, air do thruailleadh ann ad fhuil fhèin.
Ged a bha e torrach am measg a bhràithrean, thig gaoth an ear, thig gaoth an Tighearna a‑nìos on fhàsach, agus fàsaidh a fhuaran tioram, agus tiormaichear suas a thobar: bidh ionmhas nan uile shoithichean taitneach air a chreachadh.
Agus na deich adhaircean a chunnaic thu air an fhiadh-bheathach, bheir iad sin fuath don strìopaich, agus nì iad fàs i, agus lomnochd, agus ithidh iad a feòil, agus loisgidh iad i le teine.
Agus bha tart mòr air, agus ghairm e air an Tighearna, agus thubhairt e, Thug thu an t‑saorsa mhòr seo do làimh do sheirbhisich: agus a‑nis am faigh mi bàs le tart, agus an tuit mi ann an làimh nan neo-thimcheall-gheàrrte?