Oir soirbhichidh an sìol; bheir an fhìonain seachad a meas, agus bheir an talamh seachad a thoradh, agus bheir na nèamhan seachad an drùchd; agus bheir mise air iarmad an t‑sluaigh seo na nithean seo gu lèir a shealbhachadh.
An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?
Oir mar a thig an t‑uisge a‑nuas, agus an sneachd o nèamh, agus nach till e an sin, ach gun uisgich e an talamh, agus gun toir e air fàs torrach, agus toradh a thabhairt uaithe, a‑chum gun tabhair e sìol dhàsan a chuireas, agus aran dhàsan a dh’itheas;
Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.
Tillidh iadsan a tha a chòmhnaidh fo a sgàil: mar an t‑arbhar bidh iad air an ath-bheothachadh; agus fàsaidh iad mar an fhìonain: bidh a fhàile mar fhìon Lebanoin.
Seadh, freagraidh an Tighearna, agus their e ra shluagh; Feuch, cuiridh mi dur n‑ionnsaigh arbhar, agus fìon, agus ola, agus bidh sibh air ur sàsachadh leo; agus cha dèan mi sibh nas mò nur masladh am measg nan cinneach.
Thugaibh an deicheamh uile a‑chum an taigh-thasgaidh, air chor is gum bi biadh ann am thaigh-sa; agus dearbhaibh mi a‑nis leis an nì seo, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, mura fosgail mi dhuibh uinneagan nan nèamh a dhòrtadh a‑mach beannachd oirbh, gus nach bi àit ann ga chumail.
Agus cronaichidh mi am milltear air ur sgàth-se, agus cha mhill e toradh ur fearainn, cha mhò a thilgeas ur fìonain a meas an‑abaich anns an fhaiche, deir Tighearna nan sluagh.
Chan abrar riut tuilleadh, Tè ris an do chuireadh cùl; cha mhò a theirear rid fhearann tuilleadh, am Fàsach; ach is e a theirear riut, Bean mo rùin; agus rid fhearann, Bean-phòsda; oir bidh rùn an Tighearna ort, agus bidh d’fhearann air a cheangal ann am pòsadh.
Oir mar a phòsas duine òg òigh, mar sin pòsaidh d’fhear-togail thusa; agus mar a nì am fear nuadh-pòsda gàirdeachas na mhnaoi, mar sin nì do Dhia gàirdeachas annadsa.
Agus bheir mi air an ais iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann an Ierusalem, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa, agus bidh mise am Dhia dhaibhsan, ann am fìrinn, agus ann an ceartas.