Tagraibh ri ur màthair, tagraibh: oir chan i mo bhean-sa, cha mhò as mise a fear-se: cuireadh i air falbh uime sin a strìopachais as a sealladh, agus a h‑adhaltranais o a h‑uchd;
Agus togaidh e an àird bratach airson nan cinneach, agus tionailidh e dìobaraich Israeil, agus muinntir sgapte Iùdah cruinnichidh e le chèile o cheithir ceàrnan na talmhainn.
Mar seo deir an Tighearna, Càit a bheil litir-dhealachaidh ur màthar a chuir mise uam? No cò e am measg mo luchd-fiacha ris an do reic mi sibh? Feuch, airson ur dò‑bheairtean tha sibh air ur reic; agus airson ur n‑euceartan chuireadh air falbh ur màthair.
Agus their thu, Eisdibh-se facal an Tighearna, O a rìghrean Iùdah, agus a luchd-àiteachaidh Ierusaleim: Mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, feuch, bheir mise olc air an àite seo, a bheir air neach sam bith a chluinneas e gum bi gaoir na chluasan.
Imich agus glaodh ann an cluasan Ierusaleim, ag ràdh; Mar seo deir an Tighearna, Chuimhnich mise as do leth an coibhneas a nochd mi dhut ann ad òige, gràdh do cheangail-phòsaidh, nuair a dh’imich thu am dhèidh anns an fhàsach, ann am fearann nach do threabhadh.
Their iad, Ma chuireas duine air falbh a bhean, agus gun imich i uaithe, agus gun gabh i le fear eile, an till e da h‑ionnsaigh a‑rìs? Nach bi am fearann sin gu ro‑mhòr air a thruailleadh? Ach rinn thusa strìopachas le mòran leannan; gidheadh till riumsa a‑rìs, deir an Tighearna.
A‑mhàin aidich do chionta, gun do rinn thu easaontas an aghaidh an Tighearna do Dhia; agus gun do rinn thu do shlighean coitcheann do choigrich, fo gach aon chraoibh uaine; agus nach tug sibh gèill dom ghuth-sa, deir an Tighearna.
Anns na làithean sin thèid taigh Iùdah gu taigh Israeil; agus thig iad le chèile a‑mach as an tìr mu thuath, a‑chum an fhearainn a thug mise mar sheilbh dur n‑athraichean.
Seadh cuideachd, tha an Tighearna Dia ag ràdh, ghabh thu do mhic agus do nigheanan a rug thu dhòmhsa, agus iad seo dh’ìobair thu dhaibhsan gu bhith air an slugadh suas.
Thog thu ionad àrd aig gach aon cheann den t‑slighe, agus thug thu air do mhaise a bhith air a fuathachadh, agus rinn thu coitcheann thu fhèin do gach aon a ghabh seachad, agus rinn thu do strìopachais lìonmhor.
Agus bheir na daoine cothromach breith orra, a rèir breith bhan-adhaltranach, agus a rèir breith bhan a dhòirteas fuil; a chionn gur ban-adhaltranaich iad, agus gu bheil fuil nan làmhan.
Toiseach facal an Tighearna le Hosèa. Agus thubhairt an Tighearna ri Hosèa, Imich gabh ad ionnsaigh bean strìopachais, agus clann strìopachais; oir rinn am fearann strìopachas mòr ann an dealachadh ris an Tighearna.
Oir rinn am màthair strìopachas: rinn ise a ghabh na broinn iad gu beag-nàireach: oir thubhairt i, Thèid mi an dèidh mo luchd-gaoil, a tha a’ toirt dhomh m’arain agus m’uisge, m’olainn agus mo lìn, m’ola agus mo dhibhe.
Thàinig am fear-brisidh a‑nìos romhpa, bhris iad an geata, agus chaidh iad troimhe agus chaidh iad a‑mach da thrìd; agus siùbhlaidh an rìgh air an toiseach, eadhon an Tighearna air an ceann.
Uime sin, chan aithne dhuinne à seo suas aon duine a rèir na feòla: seadh, ged a b’aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, gidheadh a‑nis chan aithne dhuinn e nas mò.