Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 2:19

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus pòsaidh mi thu rium fhèin gu bràth; seadh, pòsaidh mi rium fhèin thu ann am fìreantachd, agus ann an ceartas, agus ann an coibhneas, agus ann an caomh-ghràdh;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

27 Iomraidhean Croise  

Tha tròcair agus fìrinn air còmhlachadh a chèile; tha ceartas agus sìth air pògadh a chèile.

Saorar Sion ann am breitheanas, agus a muinntir iompaichte ann am fìreantachd.

Ann am fìreantachd socraichear thu; bidh tu fada o shàrachadh, ionnas nach gabh thu eagal; agus o uamhas, ionnas nach tig e dlùth dhut.

Oir is e d’fhear-pòsda do Chruithear; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha; agus is e d’fhear-saoraidh Tì naomh Israeil; goirear Dia an domhain uile mar ainm ris.

Oir mar mhnaoi air a trèigsinn, agus fo àmhghar na spiorad, ghairm an Tighearna thu, agus mar mhnaoi a phòsadh na h‑òige, a chionn gun do chuireadh air falbh thu, deir an Tighearna.

Ach mionnaichidh tu, Mar as beò an Tighearna, ann am fìrinn, ann am breitheanas, agus ann an ionracas: agus beannaichidh na cinnich iad fhèin annsan, agus annsan nì iad uaill.

Agus nuair a ghabh mise seachad dlùth dhut, agus a dh’amhairc mi ort, feuch, bha d’aimsir na h‑aimsir ghràidh, agus sgaoil mise mo sgioball os do chionn, agus dh’fhalaich mi do lomnochdaidh: seadh mhionnaich mi dhut, agus thionnsgain mi ann an coicheangal riut, deir an Tighearna Dia, agus bu leamsa thu.

Cha mhò a dh’fhalaicheas mi tuilleadh mo ghnùis uapa: oir dhòirt mi a‑mach mo Spiorad air taigh Israeil, deir an Tighearna Iehòbhah.

Lèighsidh mise an cùl-sleamhnachadh, gràdhaichidh mi iad gu saor: oir thill mo chorraich air falbh uaithe.

Ach gabhaidh Iùdah còmhnaidh gu sìorraidh, agus Ierusalem o linn gu linn.

Agus tàrlaidh air an là sin, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, gun geàrr mise a‑mach ainmean nan iodhalan as an fhearann, agus cha chuimhnichear iad nas mò; agus fòs bheir mi air na fiosaichean agus na spioradan neòghlan siubhal a‑mach as an fhearann.

An tì aig a bheil a’ bhean nuadh-phòsda, is e am fear nuadh-pòsda e: ach caraid an fhir nuadh-phòsda, a tha na sheasamh agus ag èisdeachd ris, tha e a’ dèanamh gàirdeachais mhòir airson guth an fhir nuadh-phòsda: uime sin tha mo ghàirdeachas-sa air a choileanadh.

Air an adhbhar sin, mo bhràithrean, tha sibhse mar an ceudna marbh don lagh tre chorp Chrìosd; ionnas gum biodh sibh pòsda ri fear eile, eadhon ris-san a thogadh o na mairbh, a‑chum gun tugamaid toradh a‑mach do Dhia.

Oir tha mi eudmhor umaibh le eud diadhaidh; oir rinn mi ceangal-pòsaidh eadar sibh agus aon fhear, a‑chum ur cur mar òigh fhìorghlain an làthair Chrìosd.

Agus chunnaic mise Eòin am baile naomh, Ierusalem nuadh, a’ teachd a‑nuas o Dhia à nèamh, air ullachadh mar bhean-bainnse air a sgeadachadh fa chomhair a fir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan