Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 2:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bheir mi fòs air a h‑aighear uile sgur; a gealach nuadh, agus a sàbaid, agus a h‑àrd-fhèillean uile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus rinn Ierobòam fèill anns an ochdamh mìos, air a’ chòigeamh-là‑deug den mhìos, cosmhail ris an fhèill a bha ann an Iùdah, agus dh’ìobair e air an altair: mar sin rinn e ann am Betel, ag ìobradh do na laoigh a rinn e: agus shuidhich e ann am Betel sagartan nan àitean àrda a rinn e.

Oir mar seo deir Tighearna nan sluagh, Dia Israeil, feuch, cuiridh mise na thosd anns an àite seo, fa chomhair ur sùl-se agus ur làithean, guth an t‑subhachais, agus guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda.

Os bàrr, bheir mi uapa guth a’ ghàirdeachais agus guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-pòsda, fuaim nan clachan-muilinn, agus solas na coinnle.

An sin cuiridh mise cosgadh ann am bailtean Iùdah, agus ann an sràidean Ierusaleim, air guth an t‑subhachais, guth an aoibhneis, guth an fhir nuadh-phòsda, agus guth na mnà nuadh-phòsda; bidh an dùthaich na fàsach.

Agus bheir mise air fuaim d’òran sgur, agus cha chluinnear fonn do chlàrsach nas mò.

Oir fanaidh clann Israeil mòran làithean gun rìgh, agus gun phrionnsa, agus gun ìobairt, agus gun ìomhaigh, agus gun èphod, agus gun teraphim.

Bhuin iad gu fealltach an aghaidh an Tighearna; oir ghin iad clann choimheach: a‑nis sluigidh mìos iad maille rin cuibhreannan.

Agus caithear ur spionnadh ann an dìomhanas; oir cha toir ur fearann a fhàs uaithe, cha mhò a bheir craobhan na tìre am meas uapa.

Is fuath leam, is beag orm ur làithean-fèille, agus cha ghabh mi tlachd ann am fàile ur n‑àrd-fhèillean.

Agus bidh òrain an teampaill nan ulartaich anns an là sin, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh: bidh mòran chorp marbha anns gach ionad: tilgidh iad gu tosdach a‑mach iad.

Ag ràdh, Cuin a thèid a’ ghealach ùr seachad, a‑chum gun reiceamaid sìol? Agus an t‑sàbaid, a‑chum gun tugamaid a‑mach cruithneachd? A’ dèanamh na h‑ephah beag, agus an t‑seceil mòr; agus a’ dèanamh na meidhe mearachdach le ceilg:

Oir am feadh a tha iad air am filleadh na chèile mar sgitheach, agus mar gum b’ann air mhisg lem fìon, caithear iad mar asbhuain làn-thioram.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan