Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 2:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Abraibh-se ri ur bràithrean, Ammi, agus ri ur peathraichean, Ruhamah.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Gum beannaich mi thu gu mòr, agus gun dèan mi do shliochd ro‑lìonmhor eadhon mar reultan nèimh, agus mar a’ ghaineamh, a tha air tràigh na fairge: agus sealbhaichidh do shliochd geata an naimhdean;

Ach seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil: An dèidh nan làithean sin, deir an Tighearna, cuiridh mi mo reachd nan taobh a‑staigh, agus sgrìobhaidh mi air an cridheachan e, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia, agus bidh iadsan dhòmhsa nam poball.

Agus bidh iad dhòmhsa nan sluagh, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia.

Oir cha do dhìobradh Israel no Iùdah le a Dhia, le Tighearna nan sluagh, ged bha am fearann air a lìonadh le peacadh an aghaidh Tì naomh Israeil.

A‑chum gun gluais iad ann am reachdan, agus gun coimhead iad m’òrdaighean, agus gun dèan iad iad: agus bidh iad nam poball dhòmhsa, agus bidh mise am Dhia dhaibhsan.

Agus nì mi lìonmhor oirbh duine agus ainmhidh, agus fàsaidh iad lìonmhor, agus bheir iad toradh; agus suidhichidh mi sibh mar a bha sibh o shean, agus nì mi ribh nas fheàrr na ann ur toiseach; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.

Agus gabhaidh sibh còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dur n‑athraichean, agus bidh sibh nur sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhuibhse.

Bidh mo phàillean mar an ceudna maille riu: seadh, bidh mise dhaibhsan ann am Dhia, agus bidh iadsan dhòmhsa nan sluagh.

Tagraibh ri ur màthair, tagraibh: oir chan i mo bhean-sa, cha mhò as mise a fear-se: cuireadh i air falbh uime sin a strìopachais as a sealladh, agus a h‑adhaltranais o a h‑uchd;

Agus suidhichidh mi dhomh fhèin i anns an fhearann, agus nì mi tròcair oirrese nach d’fhuair tròcair; agus their mi riùsan nach robh nan sluagh dhomh, Is tu mo shluagh; agus their iadsan, Is tu mo Dhia.

Agus bheir mise an treas trian tron teine, agus glanaidh mi iad mar a ghlanar an t‑airgead, agus dearbhaidh mi iad mar a dhearbhar an t‑òr; gairmidh iad air m’ainm-sa, agus èisdidh mise riu; their mi, Is iad mo shluagh; agus their iadsan, Is e an Tighearna mo Dhia.

Uime sin, air don mhinistrealachd seo a bhith againn, a rèir mar a fhuair sinn tròcair, chan eil sinn a’ fannachadh:

A bha roimhe am fhear-labhairt toibheim, agus am fhear geur-leanmhainn, agus am dhuine eucorach. Ach fhuair mi tròcair, do bhrìgh gun do rinn mi seo tre aineolas, ann am mì‑chreideamh:

Nach robh uaireigin nur sluagh, ach a‑nis is sibh sluagh Dhè: dream nach d’fhuair tròcair, ach a‑nis a tha air faotainn tròcair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan