Tillidh iadsan a tha a chòmhnaidh fo a sgàil: mar an t‑arbhar bidh iad air an ath-bheothachadh; agus fàsaidh iad mar an fhìonain: bidh a fhàile mar fhìon Lebanoin.
Oir soirbhichidh an sìol; bheir an fhìonain seachad a meas, agus bheir an talamh seachad a thoradh, agus bheir na nèamhan seachad an drùchd; agus bheir mise air iarmad an t‑sluaigh seo na nithean seo gu lèir a shealbhachadh.
Air sliabh àrd Israeil suidhichidh mi i: agus togaidh i suas a geug, agus bheir i a‑mach toradh, agus fàsaidh i na seudar rìoghail: agus foidhpe gabhaidh an uile eunlaith de gach aon iteig còmhnaidh: fo dhubhar a geug nì iad còmhnaidh.
Oir mar a chuireas an talamh a‑mach a chinneas, agus mar a bheir an lios air an t‑sìol fàs a‑nìos; mar sin bheir an Tighearna Iehòbhah air fìreantachd agus moladh fàs suas an làthair nan uile chinneach.
Do lios nan cnò chaidh mi sìos, a ghabhail beachd air toradh a’ ghlinne, a dh’fhaicinn an robh an fhìonain fo bhlàth, an robh na pomgranatan a’ briseadh a‑mach.
Mar chrann-ubhall am measg croinn na coille, is amhail mo rùn-sa am measg nan òganach; fo a sgàile mhiannaich mi, agus shuidh mi sìos, agus bha a thoradh milis dom bhlas.
Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura faigh an gràinne cruithneachd a thuiteas anns an talamh bàs, fanaidh e na aonar: ach ma gheibh e bàs, bheir e toradh mòr uaithe.