Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 14:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Sgaoilidh a gheugan, agus bidh a mhaise mar an crann-ola, agus a fhàile mar Lebanon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Ach bidh mise mar chrann-ola uaine ann an taigh Dhè; earbaidh mi à tròcair Dhè gu saoghal nan saoghal.

Ach tha mi a’ sealbhachadh nan uile nithean, agus tha pailteas agam: lìonadh mi, air dhomh na nithean fhaotainn o Epaphrodìtus a chuireadh uaibhse, fàile deagh-chùbhraidh, ìobairt thaitneach, anns a bheil tlachd aig Dia.

Is mise an fhìonain fhìor, agus is e m’Athair an treabhaiche.

Chuir e a‑mach cosamhlachd eile dhaibh, ag ràdh, Tha rìoghachd nèimh cosmhail ri gràinne de shìol mustaird, a ghabh neach agus a chuir e na fhearann.

Gorm-chrann ola, maiseach agus deagh-thorach, thug an Tighearna mar ainm ort: le fuaim toirme mòire dh’fhadaidh e teine na mhullach, agus tha a gheugan air am briseadh.

Bidh do bhean mar fhìonain tharbhaich làimh ri taobhan do thaighe, do chlann mar chroinn-ola mu thimcheall do bhùird.

Agus thàinig e am fagas, agus phòg e e: agus dh’fhairich e boladh a aodaich; agus bheannaich e e, agus thubhairt e, Feuch, tha fàile mo mhic mar fhàile fearainn a bheannaich an Tighearna:

Mar chrann-pailme thig am fìrean fo bhlàth; mar sheudair air Lebanon fàsaidh e suas.

Bheir e orrasan a thig o Iàcob freumhachadh; brisidh Israel a‑mach, agus thig e fo bhlàth; agus lìonaidh e aghaidh an t‑saoghail le toradh.

Brisidh e a‑mach gu h‑ùrar, seadh nì e gàirdeachas gu subhach agus gu ceòlmhor; bheirear glòir Lebanoin dha, maise Charmeil agus Shàroin; chì iad sin glòir an Tighearna, agus maise ar Dè‑ne.

Nuair a chì sibh seo nì ur cridhe gàirdeachas; agus bidh ur cnàmhan ùrar mar am feur; agus foillsichear làmh an Tighearna da òglaich; ach lasaidh a fhearg an aghaidh a naimhdean.

Agus bidh eòlas againn: thèid sinn air ar n‑aghaidh a ghabhail eòlais air an Tighearna: tha a dhol a‑mach air ullachadh mar a’ mhadainn; agus thig e dar n‑ionnsaigh mar an t‑uisge; mar an t‑uisge deireannach, agus an ciad uisge air an talamh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan