Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 14:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bidh mi mar an drùchd do Israel: fàsaidh e mar an lilidh, agus cuiridh e a‑mach a fhreumhan mar Lebanon.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

32 Iomraidhean Croise  

Brisidh e a‑mach gu h‑ùrar, seadh nì e gàirdeachas gu subhach agus gu ceòlmhor; bheirear glòir Lebanoin dha, maise Charmeil agus Shàroin; chì iad sin glòir an Tighearna, agus maise ar Dè‑ne.

Bheir e orrasan a thig o Iàcob freumhachadh; brisidh Israel a‑mach, agus thig e fo bhlàth; agus lìonaidh e aghaidh an t‑saoghail le toradh.

Ionnas gun gabh Crìosd còmhnaidh nur cridhe tre chreideamh; a‑chum air dhuibh a bhith air ur freumhachadh, agus air ur stèidheachadh, ann an gràdh,

Agus carson a tha sibh ro‑chùramach mu thimcheall ur culaidh? Fòghlamaibh cionnas a tha na lilidhean a’ fàs anns a’ mhachair; cha saothraich iad, agus cha snìomh iad.

Bidh dòrlach sìl anns an talamh air mullach nam beann; crathaidh mar Lebanon a thoradh; agus thig muinntir a’ bhaile fo bhlàth, mar luibh na talmhainn.

Bha mo fhreumh air a sgaoileadh a‑mach làimh ris na h‑uisgeachan, agus laigh an drùchd rè na h‑oidhche air mo mheangan.

Silidh mar an t‑uisge mo theagasg, tuitidh mar an drùchd mo chainnt; mar mhìn-uisge air an lus mhaoth, agus mar fhrasan air an fheur;

Agus bidh fuidheall Iàcoib am measg mòran shluagh, mar an drùchd on Tighearna, mar na frasan air an fheur, nach feith ri duine, agus nach fan ri mic dhaoine.

Oir dòirtidh mi a‑mach uisge air an tartmhor, agus sruthan air an fhearann chruaidh; dòirtidh mi a‑mach mo Spiorad air do shliochd, agus mo bheannachd air do ghineil.

Thig do mhairbh beò; maille rim chorp marbh-sa èiridh iad. Dùisgibh agus seinnibh, sibhse tha a chòmhnaidh anns an duslach; oir tha do dhrùchd mar dhrùchd luibhean; agus tilgidh an talamh a‑mach na mairbh.

Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Gabhaidh mi fois, agus bidh mo shùil air m’àite-còmhnaidh; mar theas dealrach air an fheur, mar neul dealta ann an teas an fhogharaidh.

Thig e a‑nuas mar uisge air an fhaiche bhuainte, mar fhrasan a dh’uisgicheas an talamh.

Agus gabhaidh am fuidheall a thèid as de thaigh Iùdah fhathast freumh sìos, agus cuiridh e toradh suas.

Agus mar sholas na maidne nuair a dh’èireas a’ ghrian, madainn gun neòil; mar am feur a’ fàs as an talamh le dealradh an dèidh uisge.

Thugaibh fa‑near na lilidhean, cionnas a tha iad a’ fàs: chan eil iad a’ saothrachadh, no a’ snìomh: gidheadh tha mi ag ràdh ribh nach robh Solamh fhèin na ghlòir uile air a sgeadachadh mar aon dhiubh seo.

Tha do dhà chìch mar dhà mheann earba, càraid na maoislich, a dh’ionaltras am measg nan lilidh.

Is leamsa mo ghràdh, agus is leis-san mise: tha e ag ionaltradh am measg nan lilidh.

Mar bheucaich leòmhainn tha fearg rìgh; ach mar dhrùchd air feur tha a dheagh-ghean.

Rèitich thu àite fa comhair, agus thug thu oirre freumhachadh gu daingeann, agus lìon i an tìr.

Mar chrann-pailme thig am fìrean fo bhlàth; mar sheudair air Lebanon fàsaidh e suas.

Mar dhealt air Hermon, a thuiteas air slèibhtean Shioin; oir an sin dh’àithn an Tighearna am beannachadh, beatha gu sìorraidh.

Silibh, O nèamhan, on àird, agus frasadh na neòil a‑nuas fìreantachd; fosgladh an talamh, agus gineadh iad slàinte, agus fàsadh fìreantachd a‑nìos maraon; is mise an Tighearna a chruthaich e.

Iadsan a shuidhichear ann an taigh an Tighearna, ann an cùirtean ar Dè‑ne thig iad fo bhlàth;

Agus their thu anns an là sin, Molaidh mi thu, O Thighearna; ged bha thu feargach rium, tha d’fhearg air a tilleadh air falbh, agus thug thu comhfhurtachd dhomh.

Dh’amhairc mise air a shlighean, agus lèighsidh mi e; seadh, treòraichidh mi e, agus aisigidh mi sòlasan dhàsan agus da luchd-bròin.

Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e.

Tillibh, o chlann chùl-sleamhnach; lèighsidh mise ur cùl-sleamhnachadh. Feuch, tha sinn a’ teachd ad ionnsaigh, oir is tu an Tighearna ar Dia.

Seadh, nì mi gàirdeachas os an cionn a‑chum math a dhèanamh dhaibh, agus suidhichidh mi iad anns an fhearann seo gu deimhinn, lem uile chridhe, agus lem uile anam.

Agus bidh eòlas againn: thèid sinn air ar n‑aghaidh a ghabhail eòlais air an Tighearna: tha a dhol a‑mach air ullachadh mar a’ mhadainn; agus thig e dar n‑ionnsaigh mar an t‑uisge; mar an t‑uisge deireannach, agus an ciad uisge air an talamh.

Cò as Dia ann cosmhail riutsa, a mhaitheas aingidheachd, agus a ghabhas seachad air easaontas iarmad a oighreachd? Cha ghlèidh e a chorraich gu sìorraidh, a chionn gur toigh leis tròcair.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan