Oir cha do rinn iad seirbhis dhut nan rìoghachd, agus anns a’ mhòr-mhath a thug thu dhaibh, agus anns an fhearann fharsaing agus reamhar a chuir thu fan comhair; agus cha do thill iad on droch obraichean.
Air eagal gum bi mi làn, agus gun àich mi thu, agus gun abair mi, Cò e an Tighearna? No gum bi mi bochd, agus gun goid mi, agus gun toir mi ainm mo Dhè ann an dìomhanas.
A chionn gun do dhìochuimhnich thu Dia do shlàinte, agus nach robh thu cuimhneachail air carraig do neirt; air an adhbhar sin suidhichidh tu craobhan taitneach, agus suidhichidh tu failleanan coimheach.
Cionnas a mhaitheas mi seo dhut? Thrèig do chlann mise, agus mhionnaich iad orra sin nach eil idir nan diathan: nuair a shàsaich mise iad le lòn, an sin rinn iad adhaltranas, agus ann an taigh na strìopaich chruinnich iad nam buidhnean.
Uime sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do dhìochuimhnich thu mise, agus gun do thilg thu mi air do chùlaibh, air an adhbhar sin, giùlain thusa fòs do ghràinealachd agus do strìopachais.
B’fhìonain thorrach Israel: thug e a‑mach toradh dha fhèin: a rèir pailteas a thoraidh chuir e altairean an lìonmhorachd; a rèir maitheas a fhearainn rinn e dealbhan àlainn.
Agus thubhairt Ephraim, Gu deimhinn tha mi air fàs saoibhir, fhuair mi dhomh fhèin stòras: ann am shaothairean uile chan fhaigh iad euceart air bith annam a bhiodh na chionta.
Agus agraidh mi oirre làithean Bhàalim, anns an do loisg i tùis dhaibh, agus anns an do sgeadaich i i fhèin le a cluas-fhàinnean agus le a seudan, agus anns an deachaidh i an dèidh a leannan, agus anns an do dhìochuimhnich i mise, deir an Tighearna.
Agus leanaidh i an dèidh a luchd-gaoil, ach cha bheir i orra; agus iarraidh i iad, ach chan amais i orra: an sin their i, Siùbhlaidh mi agus tillidh mi gum chiad fhear, oir bha mi na b’fheàrr dheth an sin na a‑nis.
Tha mo shluagh-sa air an sgrios le dìth eòlais. A chionn gun do chuir thu cùl ri eòlas, cuiridh mise fòs cùl riutsa, air chor is nach bi thu agam ad shagart: a chionn gun do dhearmaid thu lagh do Dhè, dearmadaidh mise fòs do chlann-sa.
Gu deimhinn bidh mise mar leòmhann do Ephraim, agus mar leòmhann òg do thaigh Iùdah: reubaidh mise, eadhon mise fhèin, agus imichidh mi romham; bheir mi leam, agus cha bhi aon neach ann a thèarnas.
Agus cha do ghlaodh iad riumsa len cridhe; ged rinn iad donnalaich air an leapaichean airson arbhair agus fìona; tha iad a’ cruinneachadh an ceann a chèile, tha iad ag èirigh suas am aghaidh-sa.
Oir dhìochuimhnich Israel a Chruithear, agus thog e teampaill: agus chuir Iùdah an lìonmhorachd cathraichean daingeann: ach cuiridh mise teine air a chathraichean, agus loisgidh e a lùchairtean.
Chuir iad suas rìghrean, ach chan ann uamsa: rinn iad uachdarain, agus cha robh agamsa fios air: den airgead agus den òr rinn iad dhaibh fhèin iodhalan, a‑chum gun gearrar as iad.