Hosèa 13:3Am Bìoball Gàidhlig 1992Air an adhbhar sin bidh iad mar neul na maidne; agus mar an drùchd moch a shiùbhlas air falbh: mar am moll air fhuadachadh le cuairt-ghaoith on ùrlar-bhualaidh; agus mar thoit a‑mach as an luidhear. Faic an caibideil |
An sin bha an t‑iarann, a’ chriadh, an t‑umha, an t‑airgead agus an t‑òr, air am briseadh nam bloighdean le chèile, agus dh’fhàs iad cosmhail ri moll nan ùrlar-bualaidh anns an t‑samhradh, agus thug a’ ghaoth air falbh iad, air chor is nach d’fhuaireadh àite sam bith dhaibh: agus dh’fhàs a’ chlach a bhuail an ìomhaigh na sliabh mòr, agus lìon i an talamh.