Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 13:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thig ioghannan mnà ri saothair air: is mac nach eil glic e seo; no chan fhanadh e fada ann an àite briseadh a‑mach na cloinne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt iad ris, Mar seo tha Heseciah ag ràdh, Is là teinn e, agus achmhasain, agus maslaidh an là seo: oir tha clann air teachd gu inbhe breith, agus neart gu am breith chan eil ann.

Ghlac geilt-chrith iad an sin, pian mar phèin mnà ri saothair.

Chì an duine crìonna olc, agus falaichidh e e fhèin; ach gabhaidh na daoine baoghalta air an aghaidh, agus fuilingidh iad peanas.

Agus bidh iad fo uamhas; nì piantan agus guinean greim orra; mar mhnaoi ri saothair cràidhear iad; seallaidh iad gach aon air a chèile le iongantas; mar lasraichean teine bidh an aodainn.

Uime sin lìonadh mo leasraidh le cràdh; ghlac piantan mi, mar phiantan mnà ri saothair-chloinne. Bha mi air mo chromadh sìos, nuair a chuala mi; dh’fhàs mi air chrith, nuair a chunnaic mi.

Mar a bhios bean thorrach, nuair a bhios àm a h‑aisead am fagas, ann an teanntachd, ag èigheach gu h‑àrd na saothair; mar seo bha sinn ann ad fhianais, O Thighearna.

Agus thubhairt iad ris, Mar seo deir Heseciah, Is là teinn agus achmhasain agus maslaidh an là seo; oir tha clann air teachd gu inbhe breith, agus neart gu breith chan eil ann.

An toir mi gus a’ bhreith, agus nach toir mi fa‑near gum beirear? deir an Tighearna; an gin mi, agus am bac mi a’ bhreith? deir do Dhia.

Ciod a their thu nuair a thig smachdachadh ort? An dèidh dhut a theagasg dhaibh riaghladh tharad mar cheannardan? Nach dèan ioghannan do ghlacadh, amhail mnà ri saothair?

O thusa a tha ag àiteachadh Lebanoin, a tha a’ dèanamh do nid ann an seudaran, cia gràsmhor a bhios tu nuair a nì piantan greim ort, goimh amhail mnà ri saothair!

Feòraichibh a‑nis, agus feuchaibh am beir fireannach leanabh? Cuime am faic mi gach duine agus a làmhan air a leasraidh, mar mhnaoi ri saothair, agus tha gach uile aghaidh air fàs bàn?

Gu cinnteach chuala mi glaodh amhail mnà ri saothair, teanntachd amhail mnà ri breith a ciad leinibh, glaodh nighean Shioin; a’ caoidh, a’ sgaoileadh a bas, agus ag ràdh, Mo thruaighe mise a‑nis, oir tha m’anam air a chlaoidh le luchd-mortaidh!

Tha Damascas air fàs lag, tha e ga thionndadh fhèin gu teicheadh, agus fhuair eagal greim air; ghlac teanntachd e, agus ioghannan, mar mhnaoi ri saothair.

Cha dealbh iad an dèanadas gu tilleadh a‑chum an Dè: oir tha spiorad strìopachais nam meadhon, agus air an Tighearna cha do ghabh iad eòlas.

Nuair a bhios bean ri saothair chloinne, bidh i fo dhoilgheas, a chionn gu bheil a h‑uair air teachd: ach nuair a bheireas i an leanabh, cha chuimhnich i a h‑àmhghar nas mò, tre aoibhneas gun do rugadh duine a‑chum an t‑saoghail.

Oir chaidh aingeal sìos an àm àraidh anns an lochan, agus chuir e an t‑uisge troimhe chèile: uime sin an ciad neach a rachadh sìos ann, an dèidh cur troimhe chèile an uisge, rinneadh slàn e de aon tinneas a bhiodh air.

Agus air dhàsan a bhith a’ reusonachadh mu fhìreantachd, stuaim, agus breitheanas ri teachd, ghabh Felics eagal mòr, agus fhreagair e, Imich romhad an tràth seo; nuair a bhios ùine agam, cuiridh mi fios ort.

(Oir tha e ag ràdh, Ann an àm taitneach dh’èisd mi riut, agus ann an là slàinte rinn mi còmhnadh leat: feuch, a‑nis an t‑àm taitneach; feuch, a‑nis là na slàinte.)

An ann mar seo a dh’ìocas sibh don Tighearna, O shluaigh amaidich agus gun chèill? Nach esan d’athair a cheannaich thu? Nach do rinn e thu agus nach do dhaingnich e thu?

Oir nuair a their iad, Sìth agus tèarainteachd, an sin thig sgrios obann orra, mar shaothair air mnaoi thorraich; agus cha tèid iad as.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan