Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 11:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Itealaichidh iad mar eun as an Eiphit, agus mar chalaman à tìr Asiria; agus suidhichidh mise nan taighean iad, deir an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus tàrlaidh anns an là sin, gun cuir an Tighearna a‑mach a làmh a‑rìs an dara uair, a thoirt air ais fuidheall a shluaigh, a dh’fhàgar dhiubh, o Asiria, agus on Eiphit, agus o Phatros, agus o Chus, agus o Elam, agus o Shinar, agus o Hamat, agus o innsean na fairge.

Cò iad seo a tha a’ snàmh mar cheò, agus mar chalamain ag itealaich a dh’ionnsaigh an ionaid-tàimh?

Uime sin thig iad agus seinnidh iad ann an àirde Shioin, agus cruinnichidh iad ri chèile a‑chum maitheas an Tighearna airson cruithneachd, agus airson fìona, agus airson ola, agus airson àlach an treud agus na sprèidhe: agus bidh an anam mar ghàrradh uisgichte, agus cha dèan iad air aon chor bròn nas mò.

Agus bheir craobh na machrach seachad a toradh, agus bheir an talamh seachad a chinneas, agus bidh iad tèarainte nan dùthaich, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a bhriseas mi cuibhrichean an cuinge, agus a shaoras mi iad à làimh na muinntir a ghabh seirbhis dhiubh.

Agus cha bhi iad nas mò nan cobhartaich do na cinnich, cha mhò a nì beathaichean an fhearainn an slugadh suas: ach gabhaidh iad còmhnaidh gu tèarainte, agus cha chuir aon neach eagal orra.

Agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Feuch, bheir mise clann Israeil o mheasg nan cinneach gus a bheil iad air imeachd, agus cruinnichidh mi iad air gach taobh, agus bheir mi iad gu an dùthaich fhèin.

Agus gabhaidh iad còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dom òglach Iàcob, anns an do ghabh ur n‑athraichean còmhnaidh: agus gabhaidh iadsan còmhnaidh ann, iad fhèin, agus an clann, agus clann an cloinne gu bràth; agus bidh m’òglach Daibhidh na rìgh dhaibh gu sìorraidh.

Na dhèidh sin tillidh clann Israeil, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia, agus Daibhidh an rìgh; agus bidh eagal an Tighearna agus a mhaitheis orra anns na làithean deireannach.

Tha Ephraim fòs mar chalaman amaideach, gun eòlas: tha iad a’ glaodhaich ris an Eiphit, tha iad a’ triall gu Asiria.

Ach air sliabh Shioin bidh saorsa, agus bidh naomhachd: agus sealbhaichidh taigh Iàcoib an sealbh fhèin.

Agus bheir mi air an ais iad o thìr na h‑Eiphit, agus cruinnichidh mi iad a‑mach à Asiria; agus bheir mi iad air an ais gu tìr Ghileaid agus Lebanoin; agus cha bhi àite nas leòr ra fhaotainn dhaibh.

Mar seo tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, Feuch, saoraidh mise mo shluagh on tìr an ear, agus on tìr an iar:

Agus bheir mi air an ais iad, agus gabhaidh iad còmhnaidh ann an Ierusalem, agus bidh iad nan sluagh dhòmhsa, agus bidh mise am Dhia dhaibhsan, ann am fìrinn, agus ann an ceartas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan