Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 10:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An aghaidh clann na h‑aingidheachd thàinig mise, agus smachdaich mi iad. Agus cruinnichear na slòigh nan aghaidh-san nuair a smachdaichear iad airson a dà chionta.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Uime sin ghabh an rìgh comhairle, agus rinn e dà laogh òir, agus thubhairt e riu, Is mòr oirbh dol suas gu Ierusalem: feuch do dhiathan, O Israeil, a thug a‑nìos thu à tìr na h‑Eiphit.

An ceangail thu an t‑aon-adharcach le a chuing anns a’ chlais? No an cliath e na gleanntan ad dhèidh?

Uime sin deir an Tighearna, Tighearna nan sluagh, Tì cumhachdach Israeil, Aha! bheir mi fois dhomh fhèin a‑thaobh m’eascairdean; dìolaidh mi mi fhèin air mo naimhdean.

Thrèig thu mise, deir an Tighearna, chaidh thu air d’ais; air an adhbhar sin, sìnidh mise mo làmh a‑mach ad aghaidh, agus sgriosaidh mi thu; tha mi sgìth de ghabhail aithreachais.

Feuch, cuiridh mi fios air mòran iasgairean, deir an Tighearna, agus nì iad an iasgach; agus na dhèidh sin, cuiridh mi fios air mòran shealgairean, agus nì iad an sealg, o gach uile shliabh, agus o gach uile chnoc, agus o sgoltan nan creag.

Mar seo deir an Tighearna, Dia Israeil, Feuch, tionndaidhidh mise air an ais na h‑airm-chogaidh a tha nur làmhan, leis a bheil sibh a’ cogadh an aghaidh rìgh Bhàbiloin, agus an aghaidh nan Caldèanach a tha gur teannachadh air taobh a‑muigh a’ bhalla, agus cruinnichidh mi iad ann am meadhon a’ bhaile seo.

Feuch uime sin, cruinnichidh mise d’uile leannain, leis an do ghabh thu sòlas, agus na h‑uile don tug thu gràdh, leis na h‑uile don tug thu fuath: nì mi eadhon an cruinneachadh mun cuairt ann ad aghaidh, agus leigidh mi ris dhaibh do lomnochdaidh, a‑chum gum faic iad do lomnochdaidh uile.

Mar sin bheir mi air mo chorraich riut fois a ghabhail, agus imichidh m’eud uat, agus gabhaidh mi fois, agus cha bhi fearg orm nas mò.

Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bheir mise a‑nìos cuideachd orra, agus bheir mi iad gu bhith air an atharrachadh, agus air an creachadh.

Air an adhbhar sin thug mise thairis i do làimh a leannan, do làimh nan Asirianach air an robh a cion.

Mar seo coileanar mo chorraich, agus bheir mi air mo dhian-fheirg laighe orra, agus bheir mi dhomh fhèin fois: agus bidh fhios aca gur mise an Tighearna a labhair ann am eud, an tràth choileanas mi orra mo dhian-chorraich.

O Israeil, chiontaich thu nas mò na ann an làithean Ghibeah: an sin sheas iad: nach do rug an cath orra ann an Gibeah.

Cheangail a’ ghaoth suas i na sgiathan: agus bidh nàire orra a‑thaobh an ìobairtean.

Agus amhail a bhios an sluagh, mar sin bidh an sagart; agus smachdaichidh mise iad airson an slighean, agus dìolaidh mi orra an dèanadas.

An trompaid rid bheul! Mar iolair an aghaidh taigh an Tighearna thig e: a chionn gun do bhris iad mo choicheangal-sa, agus gun do chiontaich iad an aghaidh mo reachd.

Seadh, ged a thuarasdalaich iad am measg nan cinneach, a‑nis tionailidh mise iad ri chèile; agus bidh iad gu goirid air an cràdh le uallach an rìgh agus a uachdaran.

Ach nuair a chuala an rìgh seo ghabh e fearg; agus chuir e a armailtean uaithe, agus sgrios e an luchd-mortaidh sin, agus loisg e am baile-san.

Agus tàrlaidh, mar a rinn an Tighearna gàirdeachas os ur cionn a dhèanamh maith dhuibh, agus gu ur dèanamh lìonmhor, mar sin gun dèan an Tighearna gàirdeachas os ur cionn gu ur sgrios, agus gu ur toirt gu neoni: agus spìonar sibh as an fhearann da bheil thu a’ dol ga shealbhachadh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan