Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hosèa 1:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tàrlaidh air an là sin, gum bris mise bogha Israeil ann an gleann Iesreeil.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Ann an làithean Phecah rìgh Israeil thàinig Tiglat-pileser rìgh Asiria, agus ghlac e Iion, agus Abel-bet-maachah, agus Ianòah, agus Cedes, agus Hasor, agus Gilead, agus Galile, uile thìr Naphtali, agus thug e nam braighdean iad gu Asiria.

Thèid an claidheamh a‑steach nan cridhe fèin, agus brisear am bogha.

Caisgidh e an cogadh gu iomall na talmhainn; brisidh e am bogha, agus gearraidh e an t‑sleagh; na carbadan-cogaidh loisgidh e le teine.

A chionn gun tàinig fear-millidh na h‑aghaidh, an aghaidh Bhàbiloin; agus ghlacadh a laoich, agus bhriseadh gach aon dem boghachan; oir bheir an Tighearna, Dia na luigheachd, gu cinnteach luigheachd dhise.

Agus buailidh mi do bhogha à do làimh chlì, agus bheir mi air do shaighdean tuiteam à do làimh dheis.

Agus anns an là sin nì mise coicheangal air an son ri beathaichean na machrach, agus ri eunlaith nèimh, agus ri nithean snàigeach na talmhainn: agus am bogha, agus an claidheamh, agus an cath, brisidh mi a‑mach as an fhearann, agus bheir mi orra gun laigh iad sìos ann an tèarainteachd.

Agus thubhairt clann Iòseiph, Cha leòr an sliabh dhuinne; agus tha aig na Canàanaich uile a tha a chòmhnaidh ann am fearann a’ ghlinne carbadan iarainn, an dà chuid acasan a tha am Bet-sean agus na bhailtean, agus acasan a tha an gleann Iesreeil.

An sin bha na Midianaich uile, agus na h‑Amalecich, agus clann na h‑àird an ear, air cruinneachadh ri chèile, agus chaidh iad a‑null, agus champaich iad ann an gleann Iesreeil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan