Hosèa 1:2Am Bìoball Gàidhlig 1992Toiseach facal an Tighearna le Hosèa. Agus thubhairt an Tighearna ri Hosèa, Imich gabh ad ionnsaigh bean strìopachais, agus clann strìopachais; oir rinn am fearann strìopachas mòr ann an dealachadh ris an Tighearna. Faic an caibideil |
Agus cuimhnichidh a mheud dhibh is a thèid as mise, am measg nan cinneach gus an toirear iad nam braighdean, an tràth a chìosnaicheas mise an cridhe strìopachail a dhealaich rium, agus an sùilean a tha a’ dol air strìopachas an dèidh an iodhalan; agus bidh gràin aca dhiubh fhèin airson nan olc a chuir iad an gnìomh nan uile ghràinealachdan.
Agus thubhairt an Tighearna ri Maois, Feuch, caidlidh tusa maille rid athraichean; agus èiridh an sluagh seo suas, agus thèid iad le strìopachas an dèidh diathan na tìre coimhich sin da bheil iad a’ dol a‑steach gu fantainn na meadhon, agus trèigidh iad mise, agus brisidh iad mo choicheangal a rinn mi riu.