Agus bidh clann Iùdah agus clann Israeil air an cruinneachadh ri chèile, agus gabhaidh iad dhaibh fhèin aon cheann, agus thig iad a‑nìos as an tìr: oir is mòr a bhios là Iesreeil.
Agus thig Uachdaran uaithe fhèin, agus thig a fhear-riaghlaidh a‑mach as a mheadhon; agus tàirngidh mise e, agus thig e dlùth dhomh: oir cò e seo a shocraich a chridhe air teachd am fagas dhòmhsa? deir an Tighearna.
Oir feuch, tha na làithean a’ teachd, deir an Tighearna, anns an toir mise air a h‑ais bruid mo shluaigh, Israel agus Iùdah, deir an Tighearna, agus bheir mi orra tilleadh a‑chum an fhearainn a thug mi don athraichean, agus sealbhaichidh iad e.
Ach seo an coicheangal a nì mi ri taigh Israeil: An dèidh nan làithean sin, deir an Tighearna, cuiridh mi mo reachd nan taobh a‑staigh, agus sgrìobhaidh mi air an cridheachan e, agus bidh mise dhaibhsan am Dhia, agus bidh iadsan dhòmhsa nam poball.
Feuch, tionailidh mise iad as na h‑uile dhùthchannan gus an d’fhògair mi iad ann am chorraich, agus ann am bhoile, agus ann am mhòr-fheirg; agus bheir mi a‑chum an àite seo iad a‑rìs, agus bheir mi orra còmhnaidh a ghabhail gu tèarainte.
Ach bheir mi Israel air ais gu a àite-còmhnaidh fhèin, agus ionaltraidh e air Carmel agus Basan, agus air sliabh Ephraim agus air Gilead sàsaichear a anam anns na làithean sin.
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, A‑nis bheir mi air a h‑ais bruid Iàcoib, agus nì mi tròcair air uile thaigh Israeil, agus bidh mi eudmhor airson m’ainme naoimh:
Na dhèidh sin tillidh clann Israeil, agus iarraidh iad an Tighearna an Dia, agus Daibhidh an rìgh; agus bidh eagal an Tighearna agus a mhaitheis orra anns na làithean deireannach.