Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Hagai 1:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh, ag ràdh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Ach rinn Hagai am fàidh, agus Sechariah mac Ido am fàidh, fàidheadaireachd do na h‑Iùdhaich a bha ann an Iùdah agus ann an Ierusalem, fàidheadaireachd dhaibh ann an ainm an Tighearna, Dia Israeil.

Ann an dara bliadhna Dhariuis an rìgh, anns an t‑siathamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh gu Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus gu Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd-shagart, ag ràdh.

Mar seo labhair Tighearna nan sluagh, ag ràdh, Thubhairt an sluagh seo, Cha tàinig an t‑àm gu taigh an Tighearna a thogail.

An àm dhuibhse, O sibhse, còmhnaidh a ghabhail nur taighean maiseach, agus an taigh seo na fhàsach?

Anns an ochdamh mìos, ann an dara bliadhna Dhariuis, thàinig facal an Tighearna gu Sechariah mac Bharachiah, mhic Ido, am fàidh, ag ràdh,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan