An sin ghairm rìgh Iehoas air Iehoiada an sagart, agus air na sagartan eile, agus thubhairt e riu, Carson nach eil sibh a’ càradh briseadh an taighe? A‑nis, matà, na gabhaibh airgead tuilleadh o luchd ur n‑eòlais, ach thugaibh airson briseadh an taighe e.
An sin nuair a leughadh dùblachadh litir Artacsercseis an rìgh an làthair Rehuim, agus Shimsai an sgrìobhaiche, agus an cuideachd, chaidh iad le cabhaig suas gu Ierusalem a dh’ionnsaigh nan Iùdhach, agus thug iad orra sgur leis an làimh làidir.
Agus thubhairt Iùdah, Tha neart luchd-iomchair nan eallach air fàilneachadh, agus mòran luaithre ann, air chor is nach urrainn sinn am balla a thogail.
Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.
Ann an dara bliadhna Dhariuis an rìgh, anns an t‑siathamh mìos, air a’ chiad là den mhìos, thàinig facal an Tighearna le Hagai am fàidh gu Serubabel mac Shealtieil, uachdaran Iùdah, agus gu Iosuah mac Iosedeich, an t‑àrd-shagart, ag ràdh.