Agus sheas na daoine a bha ag imeachd maille ris nan tosd, a’ cluinntinn a’ ghutha, ach gun neach air bith fhaicinn.
Agus chunnaic mise Daniel a‑mhàin an sealladh: oir chan fhaca na daoine a bha maille rium an sealladh: ach thuit crith mhòr orra, ionnas gun do theich iad gu iad fhèin fhalach.
Uime sin thubhairt an sluagh a sheas an làthair, agus a chuala seo, gu robh tàirneanach ann: thubhairt cuid eile, Labhair aingeal ris.
Agus chunnaic na daoine a bha maille rium an solas gu deimhinn, agus ghabh iad eagal; ach cha chuala iad guth an tì a labhair riumsa.