Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 9:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, Cò thu, a Thighearna? Agus thubhairt an Tighearna, Is mise Iosa a tha thusa a’ geur-leanmhainn: is cruaidh dhutsa breabadh an aghaidh nan dealg.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Glic ann an cridhe, agus treun ann an neart, cò a chruadhaich e fhèin na aghaidh, agus a shoirbhich?

Pògaibh am Mac air eagal gum bi fearg air, agus gun sgriosar sibh anns an t‑slighe, nuair a lasas ach gu beag a chorraich. Is beannaichte iadsan uile a dh’earbas as.

Is an‑aoibhinn dhàsan a nì strì ris an fhear a rinn e; an t‑slige-chreadha ri fear-deilbh na creadha: an abair a’ chriadh ris-san a chumas i, Ciod a tha thu a’ dèanamh? No an abair an nì a rinn thu, Chan eil làmhan aigesan a rinn mi?

Ach thubhairt Peadar, Chan eadh, a Thighearna; oir cha d’ith mi riamh aon nì coitcheann no neòghlan.

Agus nuair a thuit sinn uile air an talamh, chuala mi guth a’ labhairt rium, agus ag ràdh anns a’ chainnt Eabhraidhich, A Shauil, a Shauil, carson a tha thu gam gheur-leanmhainn? Is cruaidh dhutsa a bhith a’ breabadh an aghaidh nan dealg.

Gu deimhinn mheas mise annam fhèin gum bu chòir dhomh mòran nithean a dhèanamh an aghaidh ainm Iosa o Nàsaret.

Ach mas ann o Dhia a tha i, chan urrainn sibhse a cur gu neo-bhrìgh: air eagal gun tàrladh gum faighear sibh eadhon a’ cogadh an aghaidh Dhè.

Agus air tuiteam dha air an talamh, chuala e guth ag ràdh ris, A Shauil, a Shauil, carson tha thu gam gheur-leanmhainn-sa?

Agus air dhàsan a bhith air chrith agus làn uamhainn, thubhairt e, A Thighearna, ciod as àill leat mise a dhèanamh? Agus thubhairt an Tighearna ris, Eirich, agus rach a‑steach don bhaile, agus innsear dhut ciod as còir dhut a dhèanamh.

Am brosnaich sinn an Tighearna gu eud? An treasa sinn na esan?

Ach dh’fhàs Iesurun reamhar, agus bhreab e; tha thu air cinntinn reamhar, tha thu air fàs tiugh, tha thu còmhdaichte le saill: an sin thrèig e an Dia a rinn e, agus rinn e dìmeas air carraig a shlàinte.

Chan e gun do ràinig mi cheana, no gu bheil mi cheana foirfe, ach tha mi a’ leantainn, a dh’fheuchainn am faigh mi greim den nì sin fhèin airson an do ghabhadh greim dhìom le Iosa Crìosd.

A bha roimhe am fhear-labhairt toibheim, agus am fhear geur-leanmhainn, agus am dhuine eucorach. Ach fhuair mi tròcair, do bhrìgh gun do rinn mi seo tre aineolas, ann am mì‑chreideamh:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan