Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 9:29

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus labhair e gu dàn ann an ainm an Tighearna Iosa, agus rinn e deasbaireachd an aghaidh nan Greugach: ach chuir iadsan romhpa esan a mharbhadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus bha cuid dhiubh o Chìprus, agus o Chirène, dream air dhaibh dol a‑steach do Antioch, a labhair ris na Greugaich, a’ searmonachadh an Tighearna Iosa.

Air an adhbhar sin rinn e deasbaireachd ris na h‑Iùdhaich, agus ris na daoine cràbhach anns an t‑sionagog, agus air a’ mhargadh gach là riùsan a thachair air.

Agus thàinig e gu Ephesus, agus dh’fhàg e iadsan an sin: ach chaidh e fhèin a‑steach don t‑sionagog, agus reusonaich e ris na h‑Iùdhaich.

Agus chaidh esan a‑steach don t‑sionagog, agus labhair e gu dàn rè trì mìosan, a’ deasbaireachd agus a’ comhairleachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè.

Agus gum faca mi Esan ag ràdh rium, Dèan deifir, agus imich gu grad à Ierusalem; oir cha ghabh iad rid theisteas mum thimcheall-sa.

Agus anns na làithean sin, nuair a bha àireamh nan deisciobal a’ meudachadh, dh’èirich gearan am measg nan Greugach an aghaidh nan Eabhraidheach, a chionn gun do dhearmadadh am bantraichean anns an fhrithealadh làitheil.

Ach ghabh Barnabas da ionnsaigh e, agus thug e a‑chum nan abstol e, agus chuir e an cèill dhaibh cionnas a chunnaic e an Tighearna anns an t‑slighe, agus gun do labhair e ris, agus cionnas a shearmonaich e gu dàn ann an Damascas an ainm Iosa.

Agus bha e maille riu a’ teachd a‑steach, agus a’ dol a‑mach ann an Ierusalem.

Ann an turasan gu minig, ann an gàbhadh aibhnichean, ann an cunnartan fhear-reubainn, ann an cunnartan om chinneach fhèin, ann an cunnartan o na Cinnich, ann an cunnartan anns a’ bhaile, ann an cunnartan anns an fhàsach, ann an cunnartan anns an fhairge, ann an cunnartan am measg bhràithrean breugach;

A mhuinntir ionmhainn, air dhomh an uile dhìcheall a dhèanamh a‑chum sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh mu thimcheall na slàinte coitchinn, b’fheumail dhomh sgrìobhadh dur n‑ionnsaigh, gur n‑earalachadh sibh a chathachadh gu dìcheallach airson a’ chreidimh a thugadh aon uair do na naoimh.

Gidheadh, cha do ghabh Mìchael an t‑àrd-aingeal, nuair a chathaich e an aghaidh an diabhail, agus a rinn e deasbaireachd mu chorp Mhaois, dànadas air casaid thoibheumach a thoirt na aghaidh, ach thubhairt e, Gun cronaicheadh an Tighearna thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan