Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 9:26

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thàinig Saul gu Ierusalem dh’fheuch e ri e fhèin a cheangal ris na deisciobail: ach bha eagal orra uile roimhe, agus cha do chreid iad gum bu deisciobal e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Agus an sin gabhaidh mòran oilbheum, agus brathaidh iad a chèile, agus bidh fuath aca da chèile.

Ach shearmonaich mi air tùs dhaibhsan ann an Damascas, agus ann an Ierusalem, agus air feadh tìr Iudèa uile, agus an sin do na Cinnich, iad a dhèanamh aithreachais agus tilleadh ri Dia, a’ dèanamh obraichean iomchaidh an aithreachais.

Agus nuair a leigeadh as iad, thàinig iad a dh’ionnsaigh am muinntir fhèin, agus dh’innis iad na h‑uile nithean a thubhairt na h‑àrd-shagartan, agus na seanairean, riu.

Agus nuair a ghabh e biadh, neartaicheadh e. An sin bha Saul làithean àraidh maille ris na deisciobail a bha ann an Damascas.

An sin ghabh na deisciobail e anns an oidhche, agus chuir iad a‑mach thar a’ bhalla e, agus leig iad sìos ann an cliabh e.

Agus sin airson bhràithrean brèige a ghoid a‑steach nar measg, a thàinig a‑steach an uaigneas a dh’fhaicinn ar saorsa, a tha againn ann an Iosa Crìosd, a‑chum ar toirt fo dhaorsa;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan