Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Gnìomharan 9:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air ball thuit o a shùilean mar gum biodh lannan; agus dh’aisigeadh a fhradharc dha gun dàil, agus air dha èirigh, bhaisteadh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

An sin thubhairt Peadar riu, Dèanaibh aithreachas, agus bithibh air ur baisteadh, gach aon agaibh ann an ainm Iosa Crìosd, a‑chum maitheanas pheacaidhean, agus gheibh sibh tìodhlac an Spioraid Naoimh.

An sin bhaisteadh iadsan a ghabh ra fhacal gu toileach: agus air an là sin fhèin chuireadh riu timcheall trì mìle anam.

Teachd am ionnsaigh, agus seasamh làimh rium, thubhairt e rium, A Shauil, a bhràthair, faigh do fhradharc. Agus air an uair sin fhèin dh’amhairc mi suas air.

Agus a‑nis carson a tha thu a’ dèanamh moille? Eirich, agus bi air do bhaisteadh, agus ionnlaid uat do pheacaidhean, a’ gairm air ainm an Tighearna.

Agus dh’imich Ananias, agus chaidh e a‑steach don taigh; agus chuir e a làmhan air, agus thubhairt e, A Shauil, a bhràthair, chuir an Tighearna (eadhon Iosa a dh’fhoillsicheadh dhutsa anns an t‑slighe air an tàinig thu), mise a‑chum gum faigheadh tu do fhradharc, agus gum biodh tu air do lìonadh leis an Spiorad Naomh.

Agus nuair a ghabh e biadh, neartaicheadh e. An sin bha Saul làithean àraidh maille ris na deisciobail a bha ann an Damascas.

Agus dh’èirich Saul on talamh, agus air fosgladh a shùl dha, chan fhaca e neach air bith: ach air dhaibh breith air a làimh, threòraich iad e gu Damascas.

Ach dhalladh an inntinnean: oir gus an là‑an‑diugh ann an leughadh an t‑seann tiomnaidh, tha an còmhdach ceudna a’ fantainn gun atharrachadh, nì a chuireadh air cùl ann an Crìosd.

Oir is e Dia a thubhairt ris an t‑solas soillseachadh à dorchadas, a dhealraich ann ar cridheachan-ne, a thoirt solas eòlas glòir Dhè, ann an gnùis Iosa Crìosd.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan